Outlook.com (an Hotmail ùr) ann an Gàidhlig

Pròiseactan mar Google in Your Language, an Uicipeid, Firefox, Thunderbird, Opera, LibreOffice/OpenOffice, phpBB, Scrabble is dearbhadairean / Projects like Google in Your Language, Wikipedia, Firefox, Thunderbird, Opera, LibreOffice/OpenOffice, phpBB, Scrabble and spell checkers
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Outlook.com (an Hotmail ùr) ann an Gàidhlig

Unread post by akerbeltz »

Hwoill, laigh an iolaire mu dheireadh. A' chiad spòg dheth co-dhiù. Chuir Microsoft air bhog Outlook.com (an rud a tha a' dol an àite Hotmail) agus tha torr mòr chànan ùra ri fhaighinn ann, Gàidhlig 'nam measg. 'S e sgioba de dhaoine (gu fortanach, gun làmh sam bith aig TELI) a chuir Gàidhlig air agus rinn sinn cinnteach gu bheil am briathrachas uile a-rèir nan goireasan eile a tha ri làimh mu thràth. Seo mar a gheibh sibh e:

Briogaibh air an roth
Image

An uairsin air More email settings
Image

Language an uairsin
Image

Agus Gàidhlig:
Image

Save an uairsin
Image

Tha mi gu math pròiseil gun deach againn seo a shlìobadh a-steach:
Image

Ò agus mus faighnich sibh - tha fhios gu bheil am Mìosachan car làn de mhearachdan. Cha sinne tha coireach às ach Microsoft is thèid a chur ceart uaireigin. An dòchas gun còrd e ribh ma tha Hotmail/Outlook.com agaibh! Barrachd ri tighinn!


Post Reply