Page 1 of 2
Clàran nan gnìomhairean / Verb Tables
Posted: Fri Aug 17, 2012 11:36 am
by GunChleoc
Rinn mi clàran le cruthan nan gnìomhairean uile. Geibh sibh
an seo iad. Tha trì tionndaidhean aig gach faidhle: aon tionndadh mòr a ghabhas leughadh air an sgrìn is dà thionndadh nas lugha airson clò-bhualadh is a thoirt leibh nur pòcaid. Tha mi an dòchas gum bi iad feumail. Innsibh dhomh ma lorgas sibh mearachd sam bith!
I created tables for all the verb forms. You can find them here. There are four three versions of each file. One big version for reading on your screen, and two smaller versions for printing and putting in your pocket. I hope they will be useful. Please tell me if you find any mistakes!
Re: Clàran nan gnìomhairean / Verb Tables
Posted: Fri Aug 17, 2012 12:44 pm
by poor_mouse
'S math sin gu dearbh!
Re: Clàran nan gnìomhairean / Verb Tables
Posted: Fri Aug 17, 2012 11:54 pm
by Seonaidh
Uill, sa Ghàidhlig, nì 1 + 2 3. Sa Bheurla, nì 1 + 2 4...
There are four versions of each file. One big version for reading on your screen, and two smaller versions for printing and putting in your pocket
Re: Clàran nan gnìomhairean / Verb Tables
Posted: Sat Aug 18, 2012 11:55 am
by GunChleoc
Tapadh leat, a Sheonaidh!
Re: Clàran nan gnìomhairean / Verb Tables
Posted: Thu Aug 23, 2012 10:20 am
by GunChleoc
I have found an error - the independent future of thoir is bheir (page 4).
Re: Clàran nan gnìomhairean / Verb Tables
Posted: Fri Aug 24, 2012 11:02 pm
by Seonaidh
Bheir mi o, o bheir mi o...
Re: Clàran nan gnìomhairean / Verb Tables
Posted: Sat Aug 25, 2012 6:29 am
by GunChleoc
mi fo bhròn, 's tu gam dhìth....

Re: Clàran nan gnìomhairean / Verb Tables
Posted: Thu Aug 30, 2012 8:25 am
by poor_mouse
A bheil sin ceart?
Na gnìomhairean mì-riaghailteach wrote:bidh mi, thu
Bha mi den bheachd gur e "
bidh tu"...
Re: Clàran nan gnìomhairean / Verb Tables
Posted: Thu Aug 30, 2012 8:38 am
by poor_mouse
'S dòcha gum b' fheàrr "bitheadh e/i!" agus "na bitheadh e/i!" a sgrìobhadh airson "bi", modh àithneach 3mh singilte.
Re: Clàran nan gnìomhairean / Verb Tables
Posted: Thu Aug 30, 2012 9:15 am
by poor_mouse
Tha mi a' faicinn "
??" an-seo:
Modh àithneach wrote:abramaid! / abraidh?? sinn!
faiceamaid! / faicidh?? sinn!
faigheamaid! / faighidh?? sinn!
thoireamaid! / thoiridh?? sinn!
na abramaid! / na abraidh?? sinn!
na faiceamaid! / na faicidh?? sinn!
na faigheamaid! / na faighidh?? sinn!
na toireamaid! / na toiridh?? sinn!
Re: Clàran nan gnìomhairean / Verb Tables
Posted: Fri Aug 31, 2012 9:55 pm
by Seonaidh
Eau dear! 'S àbhaist dhomhsa a ràdh "bidh thu"
Mun mhodh àithneach, chan eil fios agam. 'S ann a tha rudan ann mar bitheam, bi, bitheadh, bitheamaid, bithibh amsaa, ach chan eil mi cinnteach air an cleachdadh nuair a chuirear "mi", "e", "sinn" amsaa riutha.
Re: Clàran nan gnìomhairean / Verb Tables
Posted: Mon Sep 17, 2012 11:17 am
by GunChleoc
Mòran taing, bha seo glè fheumail! Cuiridh mi ceartachadh an àirde.
tha Seonaidh ceart, 's e "bidh thu" a th' ann. Seo an aon rud nach eil riaghailteach mu "bi" san tràth teachdail.
Re: Clàran nan gnìomhairean / Verb Tables
Posted: Mon Sep 17, 2012 1:40 pm
by poor_mouse
Glè mhath!
Re: Clàran nan gnìomhairean / Verb Tables
Posted: Wed Jun 04, 2014 10:10 am
by poor_mouse
A GhunChleoc chòir!
Guth fulangach/neo-phearsanta / Passive/Impersonal Voice
Tràth làthaireil / Present tense
Eisimeileach / Dependent an, gun, nach, cha(n) … eilear
Lorg mi san eadar-lìon "nach eilear", "chan eilear" agus "
gu bheilear", "
am bheilear" (chan eil "gun eilear" no "an eilear" ann).
Am b' fheàrr leat dad atharrachadh an-sin mar a tha sa' Ghuth spreigeach?
Re: Clàran nan gnìomhairean / Verb Tables
Posted: Wed Jun 04, 2014 10:29 pm
by Seonaidh
A bheil sin ceart? Bha mi a' creidsinn gum b'e "a bheilear" agus "gu bheilear" a bh' ann. Ach 's docha gu bheil mi ceàrr...