Co-dhiù, tha fuasgladh ann. Cha do rinn mi cus sanasachd air a shon gu ruige seo oir bha bug ann roimhe seo ach tha iad air am bug a chur ceart a-nis (bhiodh e a' dol air ais gu Beurla gach turas a rinneadh hard reboot)! 'S urrainn dhuibh rud fhaighinn air Android a chuireas riochd mas-fhìor Gàidhlig air an fhòn. Tha sin a' ciallachadh gum faic sibh Gàidhlig ma tha Gàidhlig ri fhaghinn (mar eisimpleir le Opera Mini)
Seo mar a nì sibh e:
1) Rachaibh dha Android Market 's faighibh rud air a bheil Custom Locale le InKa (seo e) is stàlaichibh e.
2) Fosglaibh Custom Locale 's chì sibh rud mar seo (ma tha sibh ann am Breatainn):

3) Briogaibh air Custom agus Add custom locale an uairsin:

4) Tha liosta de chànain is dùthchannan ann ach 's e liosta fhada th' ann, tha e nas luaithe na leanas a chur a-steach:

gd = Gàidhlig, GB = Breatainn. Ma tha sibh sna Stàitean, cuiribh US an àite sin, CA airson Canada, AU airson Astràilia 's mar sin air adhart.
5) Gheibh sibh seo 's feumaidh sibh briogadh air gd_GB:

6) Nochdaidh cromag mhòr gu h-àrd air an taobh deas agus feumaidh sibh briogadh air:

7) Ma chì sibh seo (fon taba Current), sin agaibh e:

An dòchas gun còrd a ribh!