Custom Locale no "Gàidhlig mas-fhìor" air Android

Pròiseactan mar Google in Your Language, an Uicipeid, Firefox, Thunderbird, Opera, LibreOffice/OpenOffice, phpBB, Scrabble is dearbhadairean / Projects like Google in Your Language, Wikipedia, Firefox, Thunderbird, Opera, LibreOffice/OpenOffice, phpBB, Scrabble and spell checkers
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Custom Locale no "Gàidhlig mas-fhìor" air Android

Unread post by akerbeltz »

Mas e fòn Android a th' agaibh, 's mathaid gum bi duilgheadasan agaibh innse dhan fhòn gu bheil sibh ag iarraidh bathar-bog seo no sin sa Ghàidhlig (no cànan eile) nach eil air liosta nan cànan mòra aig Android. 'S e rud air a bheil force locale a tha coireach as. 'S e sin gleus a chuireas air bathar-bog sam bith (ma tha taghadh ann) nochdadh ann an cànan an t-siostaim-obrachaidh agaibh. Beurla mar is trice. DUH mòr... tha fhios... developers na Beurla.

Co-dhiù, tha fuasgladh ann. Cha do rinn mi cus sanasachd air a shon gu ruige seo oir bha bug ann roimhe seo ach tha iad air am bug a chur ceart a-nis (bhiodh e a' dol air ais gu Beurla gach turas a rinneadh hard reboot)! 'S urrainn dhuibh rud fhaighinn air Android a chuireas riochd mas-fhìor Gàidhlig air an fhòn. Tha sin a' ciallachadh gum faic sibh Gàidhlig ma tha Gàidhlig ri fhaghinn (mar eisimpleir le Opera Mini)

Seo mar a nì sibh e:

1) Rachaibh dha Android Market 's faighibh rud air a bheil Custom Locale le InKa (seo e) is stàlaichibh e.

2) Fosglaibh Custom Locale 's chì sibh rud mar seo (ma tha sibh ann am Breatainn):
Image

3) Briogaibh air Custom agus Add custom locale an uairsin:
Image

4) Tha liosta de chànain is dùthchannan ann ach 's e liosta fhada th' ann, tha e nas luaithe na leanas a chur a-steach:
Image

gd = Gàidhlig, GB = Breatainn. Ma tha sibh sna Stàitean, cuiribh US an àite sin, CA airson Canada, AU airson Astràilia 's mar sin air adhart.

5) Gheibh sibh seo 's feumaidh sibh briogadh air gd_GB:
Image

6) Nochdaidh cromag mhòr gu h-àrd air an taobh deas agus feumaidh sibh briogadh air:
Image

7) Ma chì sibh seo (fon taba Current), sin agaibh e:
Image

An dòchas gun còrd a ribh!


Post Reply