Page 1 of 1

gaelic dictionary search plug-in

Posted: Mon Feb 25, 2008 6:20 pm
by neoni
tha mi air a bhith ag obair aig a' chomplainn suas ann a sheo fad' seachdainn, agus an-diugh rinn mi rudeigin a bhiodh gu math feumail dhomhsa, agus 's cinnteach gum biodh e feumail dha daoine eile cuideachd.

fhios agad air an rud beag suas aig an oisean air firefox - google mar default? uill rinn mi plug-in gus am b' urrain dhuibh rannsachadh anns an stòr-dàta troimhe.

ma theid thu an seo http://www.smo.uhi.ac.uk/~07002785/ agus putadh air an dealbh beag air an search bar - ann G mòr ma tha e fhathast air an default, bidh tagh ann airson an dà rudan a rinn mis' fhaighinn; gd-en agus en-gd

ann an IE, bidh arrow beag suas anns an oisean, put air siud agus bu chòir cothrom a bhith ann airson am faighinn ann a shin, ach chan eil mi cho eòlach air IE 's chan eil mi cinnteach

innse dhomh ma tha duilgheadas sam bith agaibh leis am faighinn





i've made a search plug-in for IE and firefox
http://www.smo.uhi.ac.uk/~07002785/
go to that site and press the little icon (not the magnifying glass) in the top right of firefox and click "add stòr-dàta" or whatever (can't remember what i called it :P ), it works similarly in IE, there's a little arrow you have to click or something.

tell me if you have problems at all


gabh spòrs leis!

Posted: Mon Feb 25, 2008 11:23 pm
by Coinneach Cìr
Math fhèin!! Ceud taing :D

Excellent!! Thank you so much

Posted: Tue Feb 26, 2008 10:09 am
by GunChleoc
Bi sin feumail gun teagamh :D

Posted: Tue Feb 26, 2008 1:46 pm
by neoni
cuideachd, ma tha an gd-en fear selected, faodaidh tu facal a highlighteadh, is right click agus "Search stòr-dàta for "x""

Posted: Tue Feb 26, 2008 6:09 pm
by Níall Beag
mumble mutter mumble Opera mumble mutter mumble.

Posted: Tue Feb 26, 2008 6:30 pm
by GunChleoc
Dèan fhèin e :spors:

A bheil fiosrachadh mu dheidhinn plugins aig Opera agad? An e mòran obair a bhiodh ann? 'S dòcha gur urrainn dhuinn rudeigin a chur air dòigh luath gu leòr.

'S truagh nach eil tionndadh Gàidhlig aig Firefox ann mu thràth. Uill, nuair a bhios tòrr is tòrr de ùine againn... :lol:

Posted: Tue Feb 26, 2008 9:05 pm
by neoni
le opera tha e fiu 's nas fhasa, dìreach right click air an search bar is gheibh thu tagh airson an search fhaighinn. faodaidh tu sin a dhèanamh air, cha mhòr, search sam bith.

am browser as fhèarr 8-)

Posted: Tue Feb 26, 2008 9:14 pm
by GunChleoc
Math fhèin :D

Posted: Tue Feb 26, 2008 10:32 pm
by Níall Beag
Wow. Bha fhios 'm gun robh e as fheàrr, ach tha e cho math. Carson nach urrainn dhiubh seo a dheanamh ris Firefox?

Móran móran taing.

Posted: Tue Feb 26, 2008 11:27 pm
by neoni
Níall Beag wrote:Carson nach urrainn dhiubh seo a dheanamh ris Firefox?
's urrainn

https://addons.mozilla.org/en-US/firefox/addon/3682

:priob: