Page 1 of 1
Chan eil soidhnichean rathaid dà-chànanach cunnartach
Posted: Fri Aug 31, 2012 10:25 pm
by Seonaidh
Sin an aithris a dh'fhoillsicheadh an-diugh. Barrachd fiosrachaidh air a' BhBC.
Re: Chan eil soidhnichean rathaid dà-chànanach cunnartach
Posted: Fri Aug 31, 2012 11:37 pm
by faoileag
Agus 's e "naidheachd" a th' ann?
Bidh ar nabaidheann anns a' Chuimrigh agus san Roinn Eorpa a' dèanamh gàire.
Agus cha chreid na Councillor Rosies den t-saoghal e co-dhìu. Tha fios aig a h-uile duine gur e co-fheall a th' ann, air cur air dòigh leis a' Gaelic Mafia.
Ach 's dòcha gur e rud math/feumail a th' ann, ann am prionnsapal. Tha feum gu leòr againn air argamaidean agus dearbhaidhean " saidheansail".