Page 1 of 1

Cosnaidhean clòimhe ann an Uibhist

Posted: Wed Sep 19, 2012 10:28 am
by GunChleoc
Thèid ceithir cosnaidhean ùra a chruthachadh ann an Uibhist nuair a dh'fhosglas muileann ùr leis a' bhuidhinn Clòimh Uibhist ann an Griomasaigh aig toiseach na h-ath-bhliadhna.

Bidh a' chompanaidh a' ceannach clòimhe bho air feadh na dùthcha, ach gu sònraichte bho chroitearan ann an Uibhist.

Chualas mu na planaichean aig co-labhairt bhliadhnail Chlòimh Uibhist aig deireadh na seachdain.

Tha Iain Stephen Moireasdan ag aithris.
http://www.bbc.co.uk/naidheachdan/19634253

Tha bhideo ri fhaicinn air làrach-lìn a' Bheeb cuideachd ma tha inntrigeadh dhan iPlayer agad.