Page 1 of 1

SuperTuxKart

Posted: Tue Dec 11, 2012 2:43 pm
by GunChleoc
'S e geama rèise 3D a th' ann an SuperTuxKart is tha e an asgaidh. Tha iomadh shlighe, caractar is nithean na bhroinn as urrainn dhut feuchainn. Gheibh thu an geama air Làrach-lìn oifigeil SuperTuxKart.

Image Image Image

Seo an trailer ofigeil (sa Bheurla):


Sealladh air an tionndadh Gàidhlig:


Grand Prix san t-seann tionndadh aig a' gheama:


Mar a chuireas tu a' Ghàidhlig air:

Re: Geama: SuperTuxKart

Posted: Sat Feb 16, 2013 7:39 pm
by GunChleoc
Tha SuperTuxKart a' sireadh bhòtaichean airson "Pròiseact a' mhìosa" air Sourceforge. Chan urrainn dhut bhòtadh co-dhiù mura h-eil cunntas Twitter agad vote.supertuxkart.net. Mas toil leat an geama seo, nach tadhail thu air?

Cuideachd, tha làrach-lìn nan tuilleadan aca sa Ghàidhlig a-nis ach cuid dhe na naidheachdan: http://stkaddons.net/

Re: Geama: SuperTuxKart

Posted: Tue Nov 19, 2013 10:59 am
by GunChleoc
Tha sgioba SuperTuxKart ag ullachadh tionndadh ùr dhen gheama. Ma tha sibh airson taic a thoirt dhuinn, nach cuir sibh fo dheuchainn e? Seo far am faigh sibh barrachd fiosrachaidh: http://forum.freegamedev.net/viewtopic.php?f=17&t=5081

Re: Geama: SuperTuxKart

Posted: Tue Nov 26, 2013 10:21 am
by GunChleoc
Chaidh SuperTuxKart 0.8.1 fhoillseachadh a-nis. Tadhail air an làrach-lìn aca airson fiosrachadh mu na tha ùr ann.


Re: Geama: SuperTuxKart

Posted: Tue May 06, 2014 7:21 am
by GunChleoc
Seo ro-shealladh air na tha fainear dhaibh airson an ath-thionndadh - piseach air a' ghrafaigeachd:



Bloga le glacaidhean-sgrìn

SuperTuxKart

Posted: Tue Apr 21, 2015 9:19 am
by GunChleoc
Chaidh SuperTuxKart 0.9 fhoillseachadh

Image Image

Chaidh tionndadh ùr dhen gheama rèisidh SuperTuxKart fhoillseachadh. Tha e stèidhichte air einnsein grafaigeachd ùr agus chaidh tracaichean ùra snasail a chur ris. 'S urrainn dha na cluicheadairean euchdan a chruinneachadh cuideachd a-nis.

Gheibh sibh barrachd fiosrachaidh, glacaidhean-sgrìn agus luchdaidhean a-nuas saor 's an-asgaidh air làrach-lìn SuperTuxKart.


A new version of the racing game SuperTuxKart has been published. It is based on a new graphics engine and they have added some new shiny tracks. Player can now also collect achievments.

You can get more information, screenshots and free downloads on the SuperTuxKart website.




http://supertuxkart.sourceforge.net/

Re: SuperTuxKart

Posted: Mon Oct 19, 2015 11:23 am
by GunChleoc
Chaidh tionndadh ùr (0.9.1) fhoillseachadh, le leasachadh air cuid dhe na tracaichean.



Brath-naidheachd oifigeil