Thathar a radh gum faighear crioch na Gaidhealtachd eadar Allt Eirinn (Siorrachd Narann) agus Farrais (Moireibh). Seadh gheibhear diofar eadar Beurla Inbhir Narann agus Beurla Gallta Farrais. Seall air an Cheil Meister air Youtube. http://www.youtube.com/watch?v=jP9BtScBQaI
Tha moran den bheachd gur e crioch a bh'ann eadar Gàidhlig agus Beurla Gallta mus tàinig Beurla gu Inbhir Nis agus Inbhir Narann le Cromwell. Co-dhiù bha blas Siorrachd Narann fhein fhathast beo suas gu an darna phart den 1900s ach 's e sgeulachd eile a tha sin.
Tha e math a bhith faicinn gu bheil fàilte air beagan Gaidhlig air a leithid sgire taobh a-muigh na Gàidhealtachd. 'S e àite annabharrach fhein feumail a th'ann am Moray Waste Busters ann am Farrais cuideachd. Faodaidh tu a h-uile seorsa rud a cheannaich. Stuth a chaidh ath-chuairteachadh. Abair thusa gun deach moran stuth a chur gu feum an àite a dhol dhan t-sitig.
Làrach ath-chuairteachadh ann an Farrais le dealbhan gurnnurn.com, air Flickr
Làrach ath-chuairteachadh ann an Farrais ledealbhan gurnnurn.com, air Flickr