Page 1 of 1

Canada agus a' Ghàidhlig.... deasbad an-dràsda

Posted: Tue Oct 30, 2012 7:40 pm
by faoileag
Tha deasbad mòr a' tachairt ann an Canada an-dràsda am measg caraidean na Gàidhlig agus an luchd-dùbhlain aca .

Thòisich e le òraid a ghabh Ministear Jason Kenney (Roinn 'citizenship, immigration and multiculturalism ' :mc: )

http://ca.news.yahoo.com/video/canews-2 ... 72430.html
'don't spend taxpayers' money on dying languages'

Bha guthan àrd rin cluinntinn à Alba Nuadh:

http://www.cbc.ca/news/canada/nova-scot ... ml?cmp=rss
'part of our heritage, and not dying!'

bho Mhinistear eile cuideachd:
http://thechronicleherald.ca/novascotia ... initiative
'Flaherty was quick to endorse protection of Gaelic language and culture'

Chaidh 'motion' dà-chànanach a thogail ann am pàrlamaid na h-Alba Nuaidh, le taic bho gach pàrtaidh - leugh air Facebook e uile gu lèir:
http://www.facebook.com/maire.mcnally.3 ... nagaidhlig
'On a tha, dualchas agus canan nan Gaidheal a’ toirt trichead muileann dolaires do’n eaconomaidh Albainn Nuaidh; agus

On is e, gniomhan na seann riaghaltasain a rinn gainnead ann an aireamh nan Gaidheal; agus,

On a tha buaidh neo-thriseil ann an gleidheadh ...canan a bh’anns ar duthaich bho thus mar a bhruidhneadh le a’cheud priomh ministear Sir Iain A. Domhnallach, agus fear a bha na Thriomhair ann an Alba Nuaidh Aonghas L. Domhnallach;

Mar sin cuireamaid romhinn, gur aithne do’n riaghaltas naiseanta an fhiach a bheir gaidhlig agus dualchasan eile do Chanada agus d’a muinntir.

agus fiù's bhideo air YouTube leis na Gàidheal aig colaiste SFX: http://www.youtube.com/watch?v=OtUIgeo1VBk
'Is mise X, agus tha Gàidhlig agam...'


Oidhirp mìneachaidh le Mr Kenney: 'misquoted and misunderstood, but....'

http://thechronicleherald.ca/novascotia ... g-position


Agus a-nis artaigil eile san Chroniocle Herald - 'cleach i no call i':

http://thechronicleherald.ca/opinion/15 ... crossroads
'Nova Scotia is facing its 'Yiddish moment'..'



Rud brosnachail gu bheil uiread de thaic ann :D , agus - mar a tha e ann an seann Alba - rud brònach gu bheil an aon seòrsa litrichean/comments gòrach no fiù's nàimhdeil fo gach artaigil :( .

(Cothrom eile do dh'Art còir... saor-làithean ann an Alba Nuadh? :spors: )

Re: Canada agus a' Ghàidhlig.... deasbad an-dràsda

Posted: Wed Oct 31, 2012 3:24 pm
by Thrissel
Leabhar-gnùise wrote:On a tha buaidh neo-thriseil ann an gleidheadh canan a bh’anns ar duthaich bho thus mar a bhruidhneadh le a’cheud priomh ministear Sir Iain A. Domhnallach, agus fear a bha na Thriomhair ann an Alba Nuaidh Aonghas L. Domhnallach;

Whereas there is priceless value in maintaining as founding language of our country, spoken by our father of confederation and canada’s first prime minister sir john a macdonald, and former nova scotia premier angus L. mac Donald;
Nach ann brònach gu bheil an tar-sgrìobadh a' coimhead mar gum biodh e air a thaidhpeadh le cuideigin aig nach robh an dara cuid a' Ghàidhlig no a' Bheurla... :(

Re: Canada agus a' Ghàidhlig.... deasbad an-dràsda

Posted: Fri Nov 02, 2012 2:10 am
by Neas Olc
"Yellow journalism", mar às àbhaist. Thuirt Kenney nach tèid taic às an riaghaltas ann an Ottawa, cha d'thuirt e càil mun riaghaltas dùthchail. Tha e cudthromach a bhith a cuimhneachadh gu bheil e na mhinistear aig an ìre feadarail- sin ri radh nach eil e na sàs ann am pàrlamaid Alba Nuaidh, a tha a cumail sùil air a' Ghàidhlig. Cò-dhiugh, s'caomh leam na beachdan a leughadh fo na h-artaigealan. Tha feum a'm air beagan comadaidh bho àm gu àm.