Strì Bheasnaid / The Battle for Wesnoth
Posted: Sun Nov 18, 2012 9:45 pm
Ma tha sibh a' wondrigeadh carson nach robh mi a' sgrìobhadh sa bhòrd-bhrath seo tuilleadh, uill, bha mi caran trang le geama eile.

’S e geama ro-innleachd fantastachd suidhichte air cuairtean a th’ ann am Strì Bheasnaid. Tha modhan cluiche eadar-dhealaichte aige: iomairtean no geamannan ioma-chluicheadair. Faodaidh tu na geamannan ioma-chluicheadair a shuidheachadh cuideachd ach an cluich thu an aghaidh a' choimpiutair.
Carson nach feuch thu e? Gheibh tu air duilleag luchdaidh a-nuas aig Beasnad e. 'S e an tionndadh 1.10.5 a' chiad tionndadh air a bheil a' Ghàidhlig.
'S e obair mhòr a th' anns an eadar-theangachadh seo, mar sin chan eil an roinn taice coileanta fhathast. Cuideachd, chan eil ach dà iomairt sa Ghàidhlig gu ruige seo. Mar sin, ma tha ùidh agad ann, carson nach cuidich thu leis an eadar-theangachadh? Tha na h-iomairtean làn dhe chòmhraidhean agus tha fiù 's pìosan bàrdachd a dhìth leis na mapaichean ioma-chluicheadair!