Page 1 of 1
Gilleasbuig Aotrom
Posted: Wed Nov 28, 2012 2:33 pm
by Gràisg
Re: Gilleasbuig Aotrom
Posted: Thu Nov 29, 2012 8:57 pm
by GunChleoc
Taing!
Chuir mi ri Togblog e.
Re: Gilleasbuig Aotrom
Posted: Fri Nov 30, 2012 1:20 am
by Gràisg
Bh'agam ri seann fhacail-faire ri lorg gus faighinn a-steach do twitterfeed agus tnamb.com gus an seoladh sin a chur ris a h-uile càil eile. Chan ann gu tric a tha blogaichean Gàidhlig ùra a' nochdadh.
Re: Gilleasbuig Aotrom
Posted: Wed Feb 20, 2013 6:03 pm
by Ceid
Gabhaidh mo leisgeul airson a' Bheurla ach what the bleep is this guy's deal?
I found his blog by way of Tìr nam Blog on Twitter: they auto-tweet his every new entry and then, of course, I stupidly click on the link in the Tìr nam Blog tweet because hey, look, there's something in Gàidhlig in my Twitter feed! All I can figure out is he complains about other people. Is that basically it?
Re: Gilleasbuig Aotrom
Posted: Wed Feb 20, 2013 6:16 pm
by GunChleoc
A rèir coltais, sin agad e is cha dèan e an corr.
Re: Gilleasbuig Aotrom
Posted: Wed Feb 20, 2013 8:40 pm
by Ceid
Ceart gu leòr, ma-thà. Tha cuideigin mar sin an còmhnaidh ann ann an gach coimhearsnachd, nach eil?
Mòran taing.

Re: Gilleasbuig Aotrom
Posted: Wed Feb 20, 2013 8:57 pm
by GunChleoc
Cha chreid mi nach eil. Tha e cudromach gu bheil daoine a' gearain mura h-eil cùisean mar bu chòir ach an toir sinn piseach orra, ach mura dèan iad dad eile chan eil e gu feum tuilleadh.
Re: Gilleasbuig Aotrom
Posted: Wed Feb 20, 2013 9:57 pm
by Seonaidh
Uill, nach e Mios Gearain a th' againn a-nis....(OK, An Gearran, ach...)
Re: Gilleasbuig Aotrom
Posted: Thu Feb 21, 2013 8:08 am
by Gràisg
Nan robh Gàidhlig fada na bu laidire saoilidh mi gum biodh fada a bharrachd bheachdan ri leughadh mar a tha ri fhaicinn ann an saoghal na Beurla. Feumaidh mi radh gu bheil gainneadh ann ach stuth a tha laidir 's e sin na tha tighinn as na bhuidhinn a tha an sas leasachaidh na Gàidhlig. Mar sin cha bu choir iognadh a bhith ann nuair a nochdas a leithid toradh Gilleasbuig. Gheibhear ann an Gilleasbuig, cuideigin a tha faireachdainn gu tur taobh a-muigh far a bheil na h-ughdarasan Gaidhlig agus chan e a-mhain trom a bhlog aige a tha e air a bhith feucainn ri rudeigin a radh. Seall seo:
https://www.dropbox.com/s/3p75g1bowhtek ... 20copy.pdf
Seadh s' e beag-chuid a tha'nn gun teagamh sam bith ach chan eil Gilleasbuig na aonar nuair a thig e gu a chuid draghan a thaobh fior chorr na Gàidhlig a-mach sna coimhearsnachdan tradiseanta agus leis na tha e faicinn mar Ghàidhlig neonach oifigeach tighinn as na buidhinn.
Cho fhad's a tha e sgriobhadh sa Ghàidhlig saoilidh mi gu bheil a chuid sgriobaidh airidh air nochadh taobh a-staigh goireasan Tirnamblog.com.
Gheibhear moran a tha buailteach ri gearain nach cuir peann ri paipear digiteach chan e a-mhain ann an saoghal na Gaidhlig ach san fharsaingneachd. 'S math gu bheil a leithid ceadaichte ge-ta. 'S e democrasaidh a t'ainm a th'air sin.
Re: Gilleasbuig Aotrom
Posted: Thu Feb 21, 2013 1:37 pm
by GunChleoc
Tapadh leat airson na h-aiste seo. Tha mi a' tuigsinn an argamaid aige is tha fìrinn ann. Cha shàbhail duine eile do chànan, feumaidh a h-uile duine rudeigin a dhèanamh, mar eisimpleir a bhith a' cleachdadh a' chànain cho tric sa ghabhas.
Re: Gilleasbuig Aotrom
Posted: Fri Feb 22, 2013 10:07 pm
by Cùl a’ Bhìogais
Tha sinn a' feumachadh a' leithid gus beagan de chonnspaid is de lùths a bhrosnachadh anns a' Ghàidhlig air an eadar-lìon... tha i lag an-dràst', is bhithinn an dòchas gum faigh seo beagan a bharrachd de shoillearachadh/gum feuch cuid dheth na buidhnean ri barrachd fiosrachadh a sgaoileadh air an eadar-lìon gus deasbad a spionnadh.
Re: Gilleasbuig Aotrom
Posted: Sun Feb 24, 2013 3:03 am
by faoileag
Feumaidh Gàidhlig a bhith àbhaisteach, a bhith mar chànan sam bith eile, mòr no beag. Feumaidh soaps agus sgudal a bhith ann, sanasan-reic, leirmheasan geura, gearanan agus molaidhean, programman còcaireachd agus agony aunts. Sci-fi agus bàrdachd, òrain rock is phunk is chlasaigeach. Aonghas Padraig Caimbeul agus Gilleasbuig Aotrom.
Feumaidh Gàidhlig a bhith na meadhan, agus chan ann ach na cuspair.
Re: Gilleasbuig Aotrom
Posted: Sun Feb 24, 2013 12:10 pm
by GunChleoc
faoileag wrote:Feumaidh Gàidhlig a bhith na meadhan, agus chan ann ach na cuspair.
Tha seo cho fìor 's a ghabhas!
Seo aon dhe na duilgheadasan a th' againn, le deasbadan air loidhne co-dhiù: thàinig sinn còmhla air sàilleibh na Gàidhlig is chan eil uidh eile ann a th' againn uile còmhla. Mar sin, tha e doirbh cuspairean eile a lorg gus bruidhinn orra aig amannan.
'S dòcha gum biodh e math còmhradh mu dheidhinn sgeulachd ghoirid a thòiseachadh no rudeigin a leithid, ach chan eil mi fhèin math air deasbadan mar seo idir.
Re: Gilleasbuig Aotrom
Posted: Sun Feb 24, 2013 2:22 pm
by Cùl a’ Bhìogais
Dh'aontaichinn fhìn cuideachd - tha feum air barrachd deasbad nach eil a' buntainn ri coir na Gàidhlig. Rud nach eil furasta le mar a tha staid ar cànain, agus cho mòr is cumhachdach is a tha saoghal na Beurla.
Thòisich mi-fhìn còmhradh thall ann an Còmhradh Coitcheann, son an dearbh adhbhar... tha an cuspair rudeigin nas trom na fiù 's Gilleasbuig bòidheach!
http://www.foramnagaidhlig.net/foram/vi ... f=4&t=2507