Page 1 of 1

Faclair Fraingise agus Gàidhlig

Posted: Mon Dec 17, 2012 2:12 am
by Lughaidh
Hallò

Thoisich mi a dhèanamh faclair Fraingise-Gàidhlig agus Gàidhlig-Fraingise, ach chan eil mi fileanta gu leòr, mar sin tha sin a' tògail tòrr tìde. Tha mi a' rannsachadh cuideigin a bhiodh fileanta sa Ghàidhlig agus sa Fhraingis, am b'urrainn dha cuideachadh a thoirt dhomh.
Ma tha spèis agaibh ann, neo ma tha cèist agaibh ri cur orm, sgrìobhaibh PM thugam

tapadh leibh!

Re: Faclair Fraingise agus Gàidhlig

Posted: Wed Dec 19, 2012 3:03 pm
by Níall Beag
Gu mì-fhortanach chan eil moran tìde agam an-dràsta -- tha cus obair agam aig an oilthigh.

Re: Faclair Fraingise agus Gàidhlig

Posted: Wed Dec 19, 2012 4:18 pm
by Lughaidh
Am bi tìde agad sa t-samhradh? neo àm eigin mar sin...
neo 'm beil aithne agad air cuideigin eile am biodh Fraingis agus Gàidhlig aige?

tapadh leat

Re: Faclair Fraingise agus Gàidhlig

Posted: Wed Dec 19, 2012 7:45 pm
by akerbeltz
Tha pròiseact againn, le petit Faclair, a tha ag amas air rud mar sin. Cuiridh mi tp thugad, ok?

Re: Faclair Fraingise agus Gàidhlig

Posted: Wed Dec 19, 2012 10:13 pm
by Lughaidh
Ceart gu leòr, sgrìobh thugam :)
Faclair "pàipeir" a tha mi a' dèanamh, chan e faclair eadarlìn - chan eil fhios agam ma dheidhinn am "petit faclair" agaibh

Re: Faclair Fraingise agus Gàidhlig

Posted: Sat Dec 22, 2012 3:28 pm
by An Gobaire
A Lughaidh

Rinn mi Fraingis san oilthigh agus ged nach eil mi fileanta, tha mi a' tuigsinn gu leòr dhith agus dh'fhaoidte gum b' urrainn dhomh beagan cuideachaidh a thoirt dhut.

Re: Faclair Fraingise agus Gàidhlig

Posted: Sat Dec 22, 2012 6:10 pm
by Lughaidh
Tapadh leat, sgrìobhaidh mi thugad :)