Page 1 of 1
Nollaig Chridheil agus Bliadhna Mhath Ùr
Posted: Wed Dec 19, 2012 10:49 pm
by ArtMacCarmaig
A' guidhe gum biodh deagh Nollaig agaibh uile air Fòram na Gàidhlig agus bliadhna ùr mhath nuair a thig i.

Re: Nollaig Chridheil agus Bliadhna Mhath Ùr
Posted: Wed Dec 19, 2012 11:56 pm
by faoileag
Agus a leithid dhut fhèin - agus mòran taing airson dìon na Gàidhlig sna pàipearan (agus an spòrs!

)
Re: Nollaig Chridheil agus Bliadhna Mhath Ùr
Posted: Thu Dec 20, 2012 4:07 pm
by GunChleoc
A leithid ceudna dhut fhèin! Gur nach ith sinn uile cus bhriosgaidean

Re: Nollaig Chridheil agus Bliadhna Mhath Ùr
Posted: Fri Dec 21, 2012 7:51 am
by poor_mouse
A bheil an dùrachd sin traidiseanta (gur nach ith thu cus agus msaa)?
Thathar ag ràdh san TYG, Aonad 20, am measg nan dùrachdan eile: nach ith tu cus, nach òl thu cus, nach gabh (?) e cus peatrail (no rudeigin coltach ri sin)...

Re: Nollaig Chridheil agus Bliadhna Mhath Ùr
Posted: Fri Dec 21, 2012 9:41 am
by GunChleoc
poor_mouse wrote:A bheil an dùrachd sin traidiseanta (gur nach ith thu cus agus msaa)?
Chan eil sgot agam

Re: Nollaig Chridheil agus Bliadhna Mhath Ùr
Posted: Fri Dec 21, 2012 9:13 pm
by akerbeltz
Nar ith thu, saoil?
Ach ge be dè 'n gràmar, Nollaig chridheil 's BMHÙ uamsa cuideachd!
Re: Nollaig Chridheil agus Bliadhna Mhath Ùr
Posted: Sun Dec 23, 2012 6:53 am
by poor_mouse
Mòran taing, a chàirdean!
Bliadhna Mhath Ùr 's Nollaig chridheil dhuibh uile!
Tha mi air leughadh Aonad 20 a-rithist; seo na dùrachdan sin: TYG, Aonad 20 wrote:...agus iad an dòchas nach ith 's nach òl thu cus.
...
Feuch nach cosg thu cus peatrail!
Re: Nollaig Chridheil agus Bliadhna Mhath Ùr
Posted: Tue Dec 25, 2012 6:02 am
by Neas Olc
Nollaig Chridheil!
...agus iad an dòchas nach ith 's nach òl thu cus.
'S bochd sin, tha mi air cus òl fhathast.
Re: Nollaig Chridheil agus Bliadhna Mhath Ùr
Posted: Tue Dec 25, 2012 9:08 am
by poor_mouse
Chan eil sin ro dhona, a Neis! Tha mi 'n dòchas gum bi thu ceart gu leòr a dh'aithghearr.
Slàinte!

Re: Nollaig Chridheil agus Bliadhna Mhath Ùr
Posted: Wed Dec 26, 2012 1:59 pm
by GunChleoc
Cha dèan e cron ort cho fad 's bhios leabaidh is taigh-beag faisg ort...

Re: Nollaig Chridheil agus Bliadhna Mhath Ùr
Posted: Wed Dec 26, 2012 2:03 pm
by poor_mouse
Tha an dà chuid glè fheumail gu dearbh!