Page 1 of 1

Litreachadh na Gàidhlig

Posted: Thu Jan 24, 2013 8:37 pm
by An Gobaire
Halò

Am bi duine sam bith eile a' sgrìobhadh gu tric sa Ghàidhlig?

Ma bhitheas, is dòcha gun tug thu an aire gu bheil
′s
a' nochdadh iomadh uair airson
agus
, agus airson a' ghnìomhair
is
. Uaireannan, tha an gnìomhair
is
air a sgrìobhadh ann an iomlanachd, mar eisimpleir:
Is dòcha; is cinnteach leam
etc, ach uaireannan eile, tha e air a sgrìobhadh
′s dòcha, ′s cinnteach leam
...mar sin air adhart.

Uaireannan eile, tha
agus
air a riochdachadh le
is
cuideachd, a bharrachd air
′s
!. Mar sin, tha
is
agus
′s
a' nochdadh fada cus san aon aiste no san aon airtigeal nam bharail-sa, ach tha ciall eadar-dhealaichte orra. Tha seo a' cur dragh orm ged a tha mi a' cumail ris a' chleachdadh seo co-dhiù.

Ged a bhios an co-theags ag innse dhut, mar as trice, cò dhiubh a tha an
is
no an
′'s
a' ciallachadh, chan eil e am modh litreachaidh seo cho sgiobalta ′s a dh'fhaodadh e bhith.

Air an adhbhar sin, tha mi a' dol a chleachdadh an dòigh litreachaidh aig Raghnall MacilleDhuibh, deasaiche Gàidhealach an Scotsman - ollamh Oilthigh Dhùn Èideann a fhuair foghlam math Gàidhlig san sgoil na òige.

Bho seo a-mach, cleachdaidh mi an dòigh aigesan nam sgrìobhadh pearsanta co-dhiù, ged nach fhaoidte gun cleachd mi e ann an rud sam bith
oifigeil
a thig orm sgrìobhadh. Bidh esan a' riochdachadh a' ghnìomhair
is + e
le
se
, agus mar sin cha tèid
is
agus
′s
a chleachdadh uiread ′s a dh'fhaodadh iad a bhith airson diofar rudan!

Se dòigh litreachaidh eile aige a tha a' còrdadh rium, am facal
airson
. Nì esan giorrachadh air, gu
son
- coltach ri dòigh-labhairt nan daoine nuair a bhios iad a' bruidhinn gu luath.

Re: Litreachadh na Gàidhlig

Posted: Fri Jan 25, 2013 10:54 pm
by Seonaidh
Sa Bheurla, riochdachaidh
's
(a) an tuiseal ginideach
(b) far a bheil "is" air a co-cheangal ri ainmear
(c) far a bheil "has" air a co-cheangal ri ainmear

- agus cha bhodraig seo idir mi. Mar sin, tha mi ceart gu leòr le
's
sa Ghàidhlig

Re: Litreachadh na Gàidhlig

Posted: Fri Jan 25, 2013 11:09 pm
by An Gobaire
Tha thu di-beathte sin a dhèanamh, gun teagamh, ach chan eil na h-eisimpleirean Beurla agad a cheart coltach ris an t-suidheachadh sa Ghàidhlig.