Am bi duine sam bith eile a' sgrìobhadh gu tric sa Ghàidhlig?
Ma bhitheas, is dòcha gun tug thu an aire gu bheil
a' nochdadh iomadh uair airson′s
, agus airson a' ghnìomhairagus
. Uaireannan, tha an gnìomhairis
air a sgrìobhadh ann an iomlanachd, mar eisimpleir:is
etc, ach uaireannan eile, tha e air a sgrìobhadhIs dòcha; is cinnteach leam
...mar sin air adhart.′s dòcha, ′s cinnteach leam
Uaireannan eile, tha
air a riochdachadh leagus
cuideachd, a bharrachd airis
!. Mar sin, tha′s
agusis
a' nochdadh fada cus san aon aiste no san aon airtigeal nam bharail-sa, ach tha ciall eadar-dhealaichte orra. Tha seo a' cur dragh orm ged a tha mi a' cumail ris a' chleachdadh seo co-dhiù.′s
Ged a bhios an co-theags ag innse dhut, mar as trice, cò dhiubh a tha an
no anis
a' ciallachadh, chan eil e am modh litreachaidh seo cho sgiobalta ′s a dh'fhaodadh e bhith.′'s
Air an adhbhar sin, tha mi a' dol a chleachdadh an dòigh litreachaidh aig Raghnall MacilleDhuibh, deasaiche Gàidhealach an Scotsman - ollamh Oilthigh Dhùn Èideann a fhuair foghlam math Gàidhlig san sgoil na òige.
Bho seo a-mach, cleachdaidh mi an dòigh aigesan nam sgrìobhadh pearsanta co-dhiù, ged nach fhaoidte gun cleachd mi e ann an rud sam bith
a thig orm sgrìobhadh. Bidh esan a' riochdachadh a' ghnìomhairoifigeil
leis + e
, agus mar sin cha tèidse
agusis
a chleachdadh uiread ′s a dh'fhaodadh iad a bhith airson diofar rudan!′s
Se dòigh litreachaidh eile aige a tha a' còrdadh rium, am facal
. Nì esan giorrachadh air, guairson
- coltach ri dòigh-labhairt nan daoine nuair a bhios iad a' bruidhinn gu luath.son