Sgoil Gàidhlig ùr ann an Glaschu

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Sgoil Gàidhlig ùr ann an Glaschu

Unread post by Gràisg »

An anns na bailtean mòra a gheibhear prìomh àros na Gàidhlig san am ri teachd? Seo sanas naidheachd riaghlatas na h-Alba:

"Sgoil Gàidhlig ùr ann an Glaschu

07/02/2013

Tha Riaghaltas na h-Alba air maoin £800,000 a chur ris an sgoil Gàidhlig ùr ann an Glaschu, chaidh fhoillseachadh an-diugh.

Bidh a’ bhunsgoil na pàirt de dh’Àrainn Ghleann Dàil ann am Pollockshields.

Thuirt am Ministear airson Ionnsachadh, Saidheans agus Cànain na h-Alba, Alasdair Allan:

“Tha iarrtas airson foghlam Gàidhlig a’ sìor fhàs ann an Glaschu. Tha seo a’ comharrachadh gu bheil pàrantan ag aithneachadh na buannachdan an-lùib foghlamdà-chànanach ach cuideachd gu bheil sinn a’ glèidheadh suidheachadh fallain agus seasmhach airson a’ chànan do ghinealach ùr.

“’S ann le fior thoilicheas a tha mi a’ foillseachadh maoin ùr a chuidicheas le àrainneachd a chruthachadh a bheir misneachd do sgoilearan agus luchd obrach na sgoile anns na bliadhnaichean a tha romhpa.”

Dh’fhosgail a’ chiad sgoil Gàidhlig airson aois 3-18, aig Taobh na Coille, anns an Lùnastal 2006 agus bhon uair sin tha iarrtas airson foghlam Gàidhlig do chloinn òga air fàs.

Thuirt an Comhairlaiche Stephen Curran, Ball Gnìomhaiche Baile Ghlaschu airson Foghlam agus Òigridh

“Tha sinn a’ cur fàilte air an airgead seo. Còmhla ri maoin bho Comhairle Baile Ghlaschu bheir seo cothroman ùr chan e a-mhàin do 200 sgoilearan Gàidhlig ann an Glaschu ach cuideachd bheir e cothroman ùr do thidsearan anns a’ bhaile. Le sgoilùr cha bhith uidhir de dh’impidh ga chur air Àrainn Taobh na Coille.”

Thathar an dùil gun tòisich obair air an sgoil ùr san t-Sultain, a criochnachadh tràth ann an 2015."
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Re: Sgoil Gàidhlig ùr ann an Glaschu

Unread post by Thrissel »

Tha dragh air feadhainn ge-tà gum bi a' bhun-sgoil ùr air an aon làraich ri sgoil Bheurla:
http://www.bbc.co.uk/naidheachdan/21367152
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Re: Sgoil Gàidhlig ùr ann an Glaschu

Unread post by Seonaidh »

An anns na bailtean mòra a gheibhear prìomh àros na Gàidhlig san am ri teachd?
'S ann. Mar a tha cùisean an Èirinn a-nis. B' àbhaist do mhuinntir na Gàidhlig, sam àm ri teachd, Gàidhlig a bhruidhinn le blas cosmopoiliteach, 's dòcha measgadh de Ghlaschuais, Cainnt a' Chuain Sgith, Gearmailtis is Beurla nan S.A.

Dè ur beachd?
Níall Beag
Rianaire
Posts: 1432
Joined: Sun Sep 23, 2007 6:58 pm
Language Level: Fluent (non-native)
Corrections: I'm fine either way
Location: Sruighlea, Alba
Contact:

Re: Sgoil Gàidhlig ùr ann an Glaschu

Unread post by Níall Beag »

Ha mi a kredshin goo vale shin fear. Ow-nce na baltchin mor-ah, bee doonyuh a breeyin eh oola an cheedgeuh san ow-m ree tchak.
Cùl a’ Bhìogais
Posts: 27
Joined: Fri Jan 11, 2013 9:45 am
Language Level: Fileanta
Location: A' cur taic ris a' bhàr...

Re: Sgoil Gàidhlig ùr ann an Glaschu

Unread post by Cùl a’ Bhìogais »

Níall Beag wrote:Ha mi a kredshin goo vale shin fear. Ow-nce na baltchin mor-ah, bee doonyuh a breeyin eh oola an cheedgeuh san ow-m ree tchak.
Duda? :P

Aon rud a chanainn ge-tà, 's e g'eil seo na chaitheamh fhad is nach fhaigh sinn sgoiltean Gàidhlig ceart sna h-Eileanan. Tha cus dhaoine a' diochnachadh freumhan na Gàidhlig is a' bhun-stèidhidh a thathas a' feumachadh sa choimhearsnachd sa bheil i an-diugh.
Neas Olc
Posts: 400
Joined: Sun Oct 28, 2007 5:12 am
Language Level: Briste
Location: A'Chuimrigh (à Toronto)

Re: Sgoil Gàidhlig ùr ann an Glaschu

Unread post by Neas Olc »

Ha mi a kredshin goo vale shin fear. Ow-nce na baltchin mor-ah, bee doonyuh a breeyin eh oola an cheedgeuh san ow-m ree tchak.
:lol: Cha mhòr gun do smaoinich mi gur e Gàidhlig Mhanaineach a bh'ann an sin.
Post Reply