Page 1 of 1
Fuaimneachadh de "oidhche"
Posted: Mon Mar 25, 2013 10:12 am
by Hallow XIII
Bha mi a' leughadh anns an Fhaclair Bheag nuair a mhothaich mi gur sgrìobhte ann gur fuaimneachte "oidhche" le srònachadh. Cha chuala mi, no chan eil mi a' creidsinn gun cuala mi co-dhiù, seo gu bràth, ge-tà. A bheil seo mar sin gu fior?
Re: Fuaimneachadh de "oidhche"
Posted: Mon Mar 25, 2013 11:26 am
by akerbeltz
Tha. Tha srònachadh air iomadh item san Atlas of Scottish Gaelic Dialects, gu h-àraidh Leòdhas, na h-Uibhistean, Barraigh, Diùra, an t-Eilean Sgitheanach air fad agus taobh siar Rois. Air an làimh eile, tha iomadh dual-chainnt nach eil a' cur srònachadh air.