Page 1 of 1
A mhoch no thràth
Posted: Sat Mar 30, 2013 11:14 pm
by JLBeale
Ann an "Gille Gallda" le Dòmhnall Dòmhnallach th' ann: "A mhoch no thràth cha robh fois aig na gillean."
Am biodh seo mar a tha "To be early or soon the boys weren't at their leisure." ?
Re: A mhoch no thràth
Posted: Sun Mar 31, 2013 3:31 am
by akerbeltz
Chan e, tha "a latha 's a dh'oidhche" agus abairtean mar sin a' ciallachadh "aig an àm seo 's aig an àm sin" agus leis a sin, "a mhoch no (a) thràth" = moch agus tràth (san latha) = uair sam bith
Re: A mhoch no thràth
Posted: Sun Mar 31, 2013 3:22 pm
by JLBeale
À chì mi. Mar sin
a mhoch = aig uaireigin sa mhadainn
no thràth = no aig uaireigin (a dh'aithghearr) nas fhaide dhan an là
An dòcha seo a chleachdadh air leth mar seo:
1) Ràinig am fear baile a mhoch.
2) Ràinig am fear baile a thràth.
?...Ged a tha 2) gun 1) mas fhìor a' ciallachadh dìreach "tràth sa là". Mar sin am bhiodh iad air chleachdadh le chéile mar as àbhaist?
Re: A mhoch no thràth
Posted: Sun Mar 31, 2013 4:08 pm
by akerbeltz
Cha chreid mi gun urrainn dhut an cleachdadh as aonais a chèile, feumaidh tu an cumail còmhla. Ma tha rud tràth san latha, feumaidh tu "tràth" no "sa mhadainn" no rud mar sin a chleachdadh.
Re: A mhoch no thràth
Posted: Sun Mar 31, 2013 8:43 pm
by Níall Beag
JLBeale,
You shouldn't take it as given that they means two different things -- it looks to me like a sort of "six and half-a-dozen" construction.
Re: A mhoch no thràth
Posted: Mon Apr 01, 2013 11:14 pm
by JLBeale
Tapadh leibh Akerbeltz.
You shouldn't take it as given that they means two different things -- it looks to me like a sort of "six and half-a-dozen" construction.
Tha fhios agam, tha mi dìreach a' faighneachd airson feòrachais. Chan eil feòrachas daonnan a' marbh a' chait.
