Page 1 of 1

O Bhraghad Albann gu Muileann na Drochaide...

Posted: Sat Apr 27, 2013 8:11 pm
by An Gille Donn
A Chàirdean chòir,

tha a nise an dreach Gearmailtis den leabhar a dh' fhoillsich mi 'san Fhoghair an uiridh, From Breadalbane to Brucker Muhl: Scottish Highland Soldiers in Hesse 1759-62 (Colbhasa: Taigh na Luachrach, 2012) air a chur air bhog gu h-oifigeil mu dheireadh thall le òraid agus cèilidh beag aig Muileann na Drochaide faisg air Dùn Amain (is e sin Brücker Mühle faisg air Amöneburg ann an ceàrn Mharburg). Thachair sin feasgar Shathairne, 20 An Giblean 2013 - o chionn seachdain, mar sin.

Bha ‘n òraid a thug mi seachad air an oidhche shònraichte seo stèidhte air Agusan ùr D an leabhair nach faighear ach anns an eagran Ghearmailtis dheth an ceartair, is e a’ toirt tuairisgeil air, is ag aithris, a’ mharbhrann a rinn Rob Donn MacAoidh (1714-78) air oifigear òg à Gallaibh, Alasdair MacGilleathain (* 1734), mac Fear na Ceapanaich. Chaidh a mharbhadh air 21 An t-Sultainn 1762 ann am Blàr Muileann na Drochaide, an cath mu dheireadh a sheas Rèisimeid Chè agus Rèisimeid Fear Dhùn Omhainn (ris am buineadh e) anns a’ Ghearmailt mus tàinig Cogadh nan Seachd Bliadhna gu crìoch. Agus abair gun robh deagh-cheòl Gàidhealach againn oidhche Shathairne seo chaidh! Uill, nach toir sibh fhèin sùil air fon cheangal seo: https://sites.google.com/site/acsailogn ... earmailtis, far am faighear sleamhnagan an taisbeanaidh a bhuin ris an òraid cuideachd?

Tha tuilleadh òraidean a tha stèidhte air a’ leabhar ri leantainn, anns gach uile àite eachdraidheil ceangailte ris: ann an Dillenburg, ann an Giessen, ann an Schotten (Baile Chill nam Manach Gàidhealach, no Baile Chill nan Cèilean Dè ann am Monadh an Eòin, no Vogelsberg, mar a theirear ris an àite seo ‘sa Ghearmailtis...), ann am Marburg amsaa. – agus fiù ann an àitean ‘an Earra-Ghàidheal fhèin anns an t-Samhradh! Seadh, is gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh air sin fhathast – cumaibh sùil air a’ roinn seo...agus bidh fàilte chridheil oirbh uile ma tha sibh anns a’ cheàrn cheart aig an àm cheart!

Leis na dùrachdan,

Acsail Òg

Image

Image


Re: O Bhraghad Albann gu Muileann na Drochaide...

Posted: Fri Jul 19, 2013 1:22 pm
by An Gille Donn
A Chàirdean chòir,

co-dhiù a bheil Gearmailtis aig cuid dibh a bharrachd air a’ Ghaidhlig, no direach Beurla a mhàin, gheibh sibh a nise aistean ùra ceangailte ris a’ leabhar làithreil agam. Tha fear dìreach chun a nochdadh anns a’ Bheurla ann an SGS XIX, tdd. 1-13, agus faodaidh sibh sùil roimh làimh a thoirt air ann am blog trì-chànanach mo leabhair. Aig a’ cheart-àm, tha Cuid II aig aiste eile dìreach air foillseachadh ‘sa Ghearmailtis ann an Irland-Journal ann an roinn nan dàimhean Ceilteach, agus tha e ri fhaighinn air-loidhne – gheibh sibh an ceangal ann am blog mo leabhair, cuideachd.

A bharrachd air seo, bu mhian leam fios a thoirt dhuibh air tachartasan (òraidean) ri theachd a thaobh mo leabhair, ann an Albainn agus anns a’ Ghearmailt – bidh fàilte chridheil oirbh ma tha cuid agaibh gu bhith anns na sgìrean freagarrach aig an àm cheart. B’ fhiach e sin, nach toir sibh sùil air na tachartasan a b’ ùire a tha air dol cheana gum faigh sibh beachd cia ris a tha iad cosail? Gheibh sibh an ceangal airson sin an siud.

Le meas,

Acsail Òg


Image
fear de na postairean don òraid air 24 An Lùnasdail 2013