Farpais sgeulachdan goirid den ghnè Gòtach...

An toil leat ceòl, bàrdachd no ealain sam bith eile? Am faca tu rudeigin inntinneach air an TBh? Innse dhuinn air / Do you like music, poetry or any other art form? Did you see anything interesting on the telly? Tell us about it
An Gille Donn
Posts: 7
Joined: Wed Apr 24, 2013 10:56 pm
Language Level: siubhlach
Location: Lollar

Farpais sgeulachdan goirid den ghnè Gòtach...

Unread post by An Gille Donn »

A Chàirdean chòir,

am biodh ùidh agaibh ann am farpais bhig sgrìobhaidh? Bheir mi dhuibh tairgse-còmhraig sgeulachdan goirid a sgrìobhadh anns a‘ Ghàidhlig a bhuineas don ghnè a rinn ùghdaran leithid Poe, Algernon Blackwood, agus ann an dòigh, R.L. Stevenson is H.P. Lovecraft….amsaa. ainmeil. Chuirinns‘ fhèin sgeulachd no dhà ris an fharpais seo, agus b‘ e 'n duais don fheadhainn as fheàrr de na sgeulachdan seo gun rachadh an cur ri chèile ann an leabhar chun fhoillseachadh troimh bhuidhinn-foillseachaidh Ghàidhlig a nochdadh ùidh anns a leithid seo de phròiseact. Chan e nach d‘ fhuaras an gnè litreachais seo anns a‘ Ghàidhlig roimhe seo, mar a tha fios aig gach uile duine a leugh Oirthir Tìm le Cailean T. MacCoinnich (Gairm, 1969). Tha e follaiseach don leughadair fiosrach gun robh an ùghdar seo a bha na mhinistear air W.H. Hodgson, H.P. Lovecraft no co-dhiù Arthur Llewellyn Machen a leughadh, oir tha e a’ fàs soilleir ‘na chuid sgeulachdan gun robh e fo bhuaidh nan ùghdaran eile sin. Mar sin, carson nach gabhadh a leithid seo de sgeulachdan a sgrìobhadh ‘san latha an diugh?

B’ e mo chùnnradh ‘s mo mhiann, ge tà, gum biodh ur cuid sgeulachdan suidhichte anns na 1920-30an, no fiù beagan na bu tràithe na sin...

Gun soirbhich leibh, is gun robh mìle math agaibh roimh làimh!

Acsail

Image


GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Farpais sgeulachdan goirid den ghnè Gòtach...

Unread post by GunChleoc »

'S toil leam sgeulachdan mar seo, ach chan eil beachd agam an-dràsta air tè a b' urrainn dhomh sgrìobhadh
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Re: Farpais sgeulachdan goirid den ghnè Gòtach...

Unread post by Seonaidh »

A bheil thu comasach sa Ghòtais, a GC?
poor_mouse
Posts: 939
Joined: Fri Nov 19, 2010 6:33 pm
Language Level: beginner
Corrections: Please correct my grammar
Location: An Ruis, St Petersburg
Contact:

Re: Farpais sgeulachdan goirid den ghnè Gòtach...

Unread post by poor_mouse »

Tha mi den bheachd gur e am marbhan san t-seòmar-leabhraichean a tha an cuspair as fheàrr... :naire:
Agus ma bhios tu a' sgrìobhadh sa Ghàidhlig, feumaidh an seòmar-leabhraichean seo a bhith sa Ghàidhealtachd, nach fheum?
'S dòcha gur ann eachdraidheil a bhios cùlaibh an sgeòil seo.
Cò aig a tha fhios dè an seann rùn a bha an sàs ann an-seo?

Tha sin fada nas fhasa dhomh comhairlean a thoirt ort na sgeul sam bith a sgrìobhadh. :)
Eilidh -- Luchag Bhochd
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Farpais sgeulachdan goirid den ghnè Gòtach...

Unread post by GunChleoc »

Seonaidh wrote:A bheil thu comasach sa Ghòtais, a GC?
Chan eil. Ach 's dòcha gum bi taibhse san sgeulachd... :lol:
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Re: Farpais sgeulachdan goirid den ghnè Gòtach...

Unread post by Seonaidh »

A, chì mi a-nis...bidh taibhse Wulfilais a' nochdadh leis a' Bhìoball aige...nithean dorcha a' tachairt air aiseag gu no bho Ghöteborg air neo Gotland...tachartasan neo-dùil aig Taigh-Òsta Gothenburg ann an Cowdenbeath (Cùl Dùn Beithe, a rèir feadhainn) ("The Goth" don mhuinntir ionadail)...

Ach dè seòrsa Goth a bhios ann - Ostrogoth no Visigoth? No an dà chuid? Seann Ghotan na Crimea 's dòcha?
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Re: Farpais sgeulachdan goirid den ghnè Gòtach...

Unread post by Thrissel »

O Sheonaidh, nach eil fhios agad dè mu dheidhinn a tha nobhail Ghotach? Mar a thuirt caraid do Khurt Vonnegut, "Gabhaidh boireannach òg dreuchd ann an taigh sean agus cuirear eagal a mionaich oirre".
An Gille Donn
Posts: 7
Joined: Wed Apr 24, 2013 10:56 pm
Language Level: siubhlach
Location: Lollar

Re: Farpais sgeulachdan goirid den ghnè Gòtach...

Unread post by An Gille Donn »

Seadh, seadh, seadh - a rèir choslais, gheibhear an seo an diofair beachdan na th’ ann an sgeulachdan is nobhailean Gòtach.

Uill, a Chàirdean, dh’ ainmich mi feadhainn ùghdaran cheana aig bàrr na roinne seo, a bheil sibh air sin fhaicinn cheana? Is iad ùghdaran Beurla is ùghdar Gàidhlig a dh’ ainmich mi. Mholainns’ dhuibh grèim fhaighinn air Oirthir Tìm le Cailean T. MacCoinnich, ann an leabharlann faisg oirbh no fiù troimh Amazon, ma ghabhas sin a dhèanamh...b’ fhiach e sin, is chitheadh sibh na tha mi a mach air.

Ach
a) chan e sgeulachdan mu Shean-Ghòtaich na sgeulachdan anns a’ Ghòtais a tha fainear dhomh,

is

b) cha chleachd mi mìneachadh cumhang nan sgolairean-litreachais àbhaisteach air “nobhailean/sgeulachdan Gòtach” – nam bheachdsa, chan iad a mhàin Caisteal Otranto no nobhailean nam peathraichean Uí Bronntaigh a bhuineas ris a’ ghnè seo, ach ann an dòigh, cuideachd sgrìobhaidhean nan ùghdaran a dh’ ainmich mi cheana – ‘s mar sin, am fo-ghnè-litreachais a theireadh luchd na Beurla weird fiction, “uirsgeulachd neònach”, ris, no fiù horror, “litreachais an uabhais”...

Uill, sin agam e an nochd – sin am meud a bh’ agam ri ràdh an ceartair. Tha mi làn dòchais gu bheil sibh gam leantainn. Mar sin, nach faigh sibh grèim air peann no bòrd-iuchrach ur coimpiutair (ma tha ùine agaibh), is nach tòisich sibh (ma tha mac-meanmain gu leòr agaibh)...Gun robh mìle math agaibh roimh làimh!

Gach deagh-dhùrachd,

Acsail


Image
An Gille Donn
Posts: 7
Joined: Wed Apr 24, 2013 10:56 pm
Language Level: siubhlach
Location: Lollar

Re: Farpais sgeulachdan goirid den ghnè Gòtach...

Unread post by An Gille Donn »

A Chàirdean chòir,

tha mi an impis falbh don Ghàidhealtachd an ceartair, is mi a’ siubhal troimh Ghlaschu. Chan e dìreach saor-làithean àbhaisteach a bhios mi air, ach tha mi a’ dol a thoirt seachad òraid stèidhte air mo mhonograf mu na saighdearan Gàidhealach ann an Hesse ri linn Cogadh nan Seachd Bliadhna (1750-60an) ann an Colbhasa air Diardaoin, 25 An t-Iuchar 2013. Cuideachd, tha mi a’ dol a thrusadh beachdan is ìomhaighean don nobhail agam a tha mi a’ rèiteachadh an ceartair. Seadh, is e nobhail den ghnè neònach os-nàdarra a th’ ann ris a theireadh luchd na Beurla Dark Fantasy, agus gheibhear buaidh a’ phunc-smùide innte cuideachd. Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh air a’ sgeulachd air làrach-lìn na nobhaile, agus chì sibh mar a tha i ceangailte rim’ chuid rannsachaidh sgolaireil ged a tha i suidhichte ann an Earra-Ghàidheal anns na 1920an... Is mòr am beud nach do ghabh neach sam bith agaibh pàirt ‘san fharpais seo a bha mi a’ moladh, ach geallaidh mi dhuibh gum bi mi a’ foillseachadh earrannan no caibideilean den nobhail mean air mhean, agus faodaidh sibh molaidhean a chur chugam is beachdan a chur rithe ma fhreagras iad ri riaghailtean còmhraidh mhodhail. Dh’ fhaoidte gun cuireadh sin r’ ur cuid suime fhèin a leithid seo de sgeulachdan a chur ri chèile fhad ‘s a tha ùine agaibh (is e sin an nì a tha gann ‘sa latha an diugh, tha mi tuigsinn).

Mar sin, fàilte do dh' eilean àlainn ach coimheach Araltsaigh ann an Ceann a Deas Earra-Ghàidheal, is na cunnartan a gheibhear ann: feumar a bhith gaisgeil is tapaidh, agus neartmhor, chun a mhairsinn beò an siud! Agus bithidh mise a’ siubhal troimh Chinn Tìre is Cholbhasa a bhith a’ beachdachadh air na bhios a’ tachairt anns a’ nobhail mar a thèid i air adhart, ma gheibh idir [gnogail air fiodh!]

Biodh deagh-làithean Samhraidh agaibh fhathast,

Acsail Òg


Image

[youtube]https://www.youtube.com/watch?v=KVnvEU-owDY[/youtube]
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Farpais sgeulachdan goirid den ghnè Gòtach...

Unread post by GunChleoc »

Tha mi duilich nach deach na b' fhearr leis a' cho-fharpais. Chan eil ùine agam fhìn sna làithean seo airson litreachas a chruthachadh on a tha mi cho trang leis na h-eadar-theangachaidhean agus cha robh beachd agam air na sgrìobhainn.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Post Reply