Page 1 of 1

Blàr Thràigh Ghruinneirt

Posted: Mon Jun 03, 2013 2:19 pm
by poor_mouse
Bha mi fìor thoilichte mar a leugh mi seo Naideachdan BhBC:
31 An Cèitean 2013 Air ùrachadh aig 10:50

Blàr Thràigh Ghruinneirt

Ceann Tràigh Ghruinneirt B' ann eadar na Dòmhnallaich agus na Leathannaich a bha am blàr, airson uachdaranas Ìle.


Thàinig 140 ceòladair còmhla ann an Ìle oidhche Ardaoin airson pròiseict shònraichte ceangailte ri blàr fìor chudromach ann an eachdraidh an eilein.

Chaidh an ceòl a chur ri briathran na bàrdachd aig Uilleam Mac Dhùn Lèibhe air Blàr Thràigh Ghruinneirt.
agus msaa.

'S e an dàn seo le Uilleam Mac Dhùn Lèibhe a bha mi air eadar-theangachadh san Ruisis ann an 2011; bha an obair mòr agus glè inntinneach.
Mòran taing do dh'Uilleam airson a bhàrdachd a tha cho làidir agus ceòlmhor! :)
Agus mòran taing do h-uile duine an-seo a tha cho càirdeil agus taiceil!

Re: Blàr Thràigh Ghruinneirt

Posted: Wed Jun 05, 2013 9:54 am
by GunChleoc
Chan eil e furasta a leithid rud eadar-theangachadh :mc: