'S e latha breagha a bh' ann an-diugh 's fhuair mi gu math faisg air a' mhadadh-allaidh. Bha e dìreach na laighe air an deigh a' gabhail beachd air an t-saoghal. Ged nach e a' coimhead cho fasig sna dealbhan, chan eil e mòran nas fhaide na 100 meatairean bhuamsa.
'S madadh-allaidh aonaranach a th' ann. Sa gheamhradh tha e a'fuireachd timcheall loch Mendenhall a tha gu math faisg air far a bheil mise. Tha e air a bhith ann o chionn dhà neo trì bliadhnaichean. 'S Romeo chanas iad ris leis gur e madadh-allaidh fireann a th' ann 's gu bheil ùidh mhòr aige ann na coin-boireann. Ma ghooglachas tu "Juneau" agus "Romeo" tha mi cinnteach gum faigh thu tòrr mòr dealbhan 's iomradh mu dheidhinn.
Thog mi bhideo dheth o chionn corra seachdainnean air ais. 'S e ciaradh an fheasgar a bh' ann 's thachair sinn ris nuair a bha mi fhìn 's an cù agam air cuairt. Seo e: http://www.youtube.com/watch?v=UPliCnKMpPo Tha e caran dorch ge-ta.
'S e madaidhean-Mèthicanach a th' ann seo, ach tha iad seòrsa 'n cunnart agus glè thearc. Cha eil mi air aonan faicinn a-chaoidh.
Tha coyotes, leòmhainn-beinne is cait-allaidh againn cuideachd an-seo. 'S e cathair shean (air Ameireaga) a tha ann an El Paso, ach 's e fàsach a th' ann a' cèarnaidh timcheall i fhathast.