Bheil e cosg dad? Chan eil, ma tha ceadachas airson Office 2013 agad mu thràth. Bheil e doirbh? Chan eil cus. Sa chiad dol a-mach, feumaidh sibh a' phacaid cànain a gheibh sibh an-seo. Mur eil sibh cinnteach an e siostam 64-bit no 86-bit a th' agaibh, faighibh greim air an dà dhiubh, tha sin nas luaithe na rùrachadh air an t-siostam. Cha dèan am fear cearr cron air a' choimpiutair, cha bhi buaidh idir. Nuair a bhios e agaibh, briogaibh air an exe agus leanaibh ris an stiùireadh air an sgrìn.
Nise, feumaidh sibh prògram Office fhosgladh, can Word agus tadhal air Files » Options » Language agus dèanamh cinnteach gu bheil Gàidhlig aig barr na liosta mar a chomharraich mi leis an dà shaighead dhearg:
Bidh agaibh ri Office a thòiseachadh as ùr an uairsin agus sin agaibh e. Cuiridh sin Gàidhlig air:
- Excel 2013
- OneNote 2013
- Outlook 2013
- PowerPoint 2013
- Word 2013
An dòchas gun dèan e feum dhuibh!