Air ar cumail ri cloich
Posted: Tue Aug 06, 2013 1:41 am
Còmhradh
OGHA : An robh sibh a' cuideachadh ur màthair 's ur n-athair timcheall an taighe 's na croite?
SEANMHAIR: O bhà. Cha robh a dhà dhòigh air. Bha sinn air ar cumail ri cloich oir bha gu leòr obrach aig mo mhàthair 's m' athair ri dhèanamh.
Anns a' chòmhradh seo, tha an t-ogha a' faighneachd do a sheanmhair mu làithean a h-òige ann an Uibhist. Nuair a bha ise 's a bràithrean 's a peathraichean òg, b' fheudar dhaibh am pàrantan a chuideachadh leis na caran timcheall an taighe agus obair croitearachd. Bleoghainn, cur buntàta, sgioblachadh an taighe..msaa.
Thuirt a sheanmhair gun robh iad "air an cumail ri cloich", 's e sin gun robh iad air an cumail ag obair gu cruaidh. Cha b' e rud dona a bh' ann, ach cha robh a pàrantan a leigeil leotha a bhith leisg.
Beurla: Bha sinn air ar cumail ri cloich. - We were made to work hard/We were kept working hard.