Duine eile aig a bheil Gàidhlig ann an Alasga a dh'ear-dheas
Posted: Sat Mar 22, 2008 5:20 pm
'Thachair mi ri cuideigin an-dè aig a bheil Gàidhlig 's bu neonach mar a thachair e. Bha mi fhìn 's cù agam a-muigh air cuairt. Bha sinn a' greiseachadh chun an àite far as buailtiche am madadh-allaidh fhaicinn 's chunnaic mi dithis nach robh à sgìre a' faighinn a-steach dhan càr aca. 'Dh'innse iad dhomh gu robh am madadh-allaidh ann. Mhothaich mi air a' bhlas coimheach air an cainnt. Thuirt iad nach robh iad às an sgire seo 's thàinig iad 'son am madadh-allaidh fhaicinn.
Chùm mi orm dhan àite as fheàrr leam. Rinn iadsan an t-aon rud. Chaidh mi gu oir an lach 's chunnaic mi am madadh-allaidh na laigh pios beag air falbh. Sheas mi ann an sin car ùine a'coimhead air 's mu dheireadh thionndaidh mi dhol dhachaidh. Bha an fheadhainn aig an robh blas coimheach a' coimhead air a' mhadadh-allaidh cuideachd 's thòisich sinn a bhruidhinn.
Anns a' comhradh rinn an duine iomradh gur ann à Alba a bha e. Thuirt mise gu robh mi air a bhith ann an uiridh. An uair sin, dh'fhaignich mi dheth: A bheil Gàidhlig agad? Thuirt esan: Pardon? Oh uill, le ach 1.5 % aig a bheil Gàidhlig, b'e seo an fhreagairt as buailtiche co-dhiù ach b' fhiach fheuchainn. 'S ann an uairsin a thuirt a bhean: He speaking Gàidhlig to you. Ghrad-thionndaidh an duine thugam, a bheul fosgailt 's a shùilean cruinn 's thuirt e: Tha gu dearbh!
'S ann à Alba a tha iad ach tha iad a'fuireach ann an Ketchikan nach eil cho fad' air falbh, an coimeas ri Alba co-dhiù! Leis an uiread a th'againn ann an Alasga a dh'ear-dheas aig a bheil Gàidhlig gu ìre neo correigin (a-reir cunntas agamsa, biodh tòrr 's sianar ann), 's fiach coinneamh nan Gàidheal a ghairm.
Chuck