Page 1 of 1

Feadhainn gar leantainn air twitter

Posted: Sat Dec 28, 2013 10:32 am
by Gràisg
Image
fng ledealbhan gurnnurn.com,air Flickr

Gheibhear 902 gar leantainn air an goireas microblogging ud a-nis. Saoil am bi fiù 's feadhainn gar leughadh :) Saoilidh mi gu bheil, uaireannan gheibhear teachdaireachd no thèid rudeigin a chur dhan roghainn teachdaireachd (favourites mar a chanas iad).
Chan eil Foram na Gàidhlig cho trang 's b'àbhaist dha a bhith ach gheibhear feadhainn a tha fhatast gahbail ùidh taobh a muigh air an eadar-lìn.

Re: Feadhainn gar leantainn air twitter

Posted: Fri Jan 03, 2014 11:58 pm
by GunChleoc
Tapadh leat airson na naidheachd is a' ghoireas Twitter againn a chur air dòigh on nach tèid mi fhìn faisg air!

Re: Feadhainn gar leantainn air twitter

Posted: Sat Jan 04, 2014 12:30 pm
by Gràisg
'se do bheatha GC a charaid. Chan eil moran ri dhèanamh ag innse na firinn. Chan eil agad ach RSS bhon Foram a tha seo a chur tro ghoireas "twitterfeed" gu twitter agus a h-uile turas a thèid rudeigin a sgriobhadh sna forams nochd e ann an uine nach bi fada san twittersphere :-)