Pròiseactan mar Google in Your Language, an Uicipeid, Firefox, Thunderbird, Opera, LibreOffice/OpenOffice, phpBB, Scrabble is dearbhadairean / Projects like Google in Your Language, Wikipedia, Firefox, Thunderbird, Opera, LibreOffice/OpenOffice, phpBB, Scrabble and spell checkers
'S e bathar-bog gus bòrd-brath a chur air dòigh air làrach-lìn a tha sa phpBB. Ma tha sibh airson sùil a thoirt air cò ris a tha an tionndadh Gàidhlig coltach, seo am bathar-bog a chleachdas sinn an-seo!
phpBB is a software to set up a messageboard on your website. If you wish to see the Gaelic tr*nsl*t**n in action, it's what we're using here!
Bheir mi na fo-fhòraman air falbh a-nis on a tha am fiosrachadh a tha ann caran sean agus air sgàth 's gun d'fhuair sinn foillseachadh oifigeil a-nis.
Chaidh tionndadh ùr dhe phpBB fhoillseachadh. Cha do stàlaich mi an-seo e fhathast on a tha torr thuilleadan againn agus feumaidh mi dèanamh cinnteach an toiseach gun obraich a h-uile rud mar bu chòir. Mar sin, tha beagan obrach romhainn!