Page 1 of 2

BBC Naidheachdan

Posted: Fri Mar 07, 2014 8:25 am
by poor_mouse
Chuir mi orm ceistean mu dheidhinn (a thaobh?) Naidheachdan BhBC a chur an-seo.
A bheil sin ceart? I'll bi putting here the questions about (referring to) BBC News.

Bùithtean an Rubh':
Chan eil each cola-deug bho smaoinich sinn air seo, agus mar-thà tha treallaich mhath stuth air a chruinneachadh.
'S dòcha gu bheil seo a' ciallachadh nach ann o chionn fada a smaoinich iad air seo. Nach eil fhios agaibhse mun abairt seo?

Re: BBC Naidheachdan

Posted: Fri Mar 07, 2014 9:02 pm
by Níall Beag
Typo a th' ann, nam bheachd-sa: "chan eil ach cola-deug..."

Re: BBC Naidheachdan

Posted: Fri Mar 07, 2014 10:49 pm
by Seonaidh
No gu dearbh "Chan eil e ach cola-deug..."

Dè bha thu a' smaointinn Luch? "It's only a horse fortnight" no rudeigin?

Re: BBC Naidheachdan

Posted: Sat Mar 08, 2014 7:26 am
by poor_mouse
Cha robh fhios agam dè smaointinn mu dheidhinn an eich seo...

Seadh, cha chreid mi nach robh an typo simplidh an-sin, 's e "e ach" a dh'fheumas a bhith ann.

Nach tug mi gàire oirbh uile! :D

Re: BBC Naidheachdan

Posted: Mon Mar 10, 2014 3:46 pm
by MonaNicLeoid
cola-deugh = dà sheachdain

(Chan eil mi cinnteach an robh thu a' tuigsinn sin mar-tha.)

Tha e a' tighinn bho "còig latha deug" (15) oir tha dà sheachdain air a dhol seachad nuair a tha an còigeamh latha deug ann :)

Re: BBC Naidheachdan

Posted: Tue Mar 11, 2014 8:38 am
by poor_mouse
Tha fhios agam gur e dà sheachdain a tha ann, ach chan eil fios 'am mu dheidhinn "còig latha deug".

Tha sin glè inntinneach! Tapadh leibh, a Mhona.

Re: BBC Naidheachdan

Posted: Wed Mar 12, 2014 7:40 am
by poor_mouse
Naidheachdan 11:00m, 10 Am Màrt 2014:
Bheir Ministear na h-Àrainneachd, Richard Lochead, fiosrachadh do Phàrlamaid na h-Alba an-diugh mu thachartas aig ionad niuclasach Dhùnrath bho chionn dà bhliadhna, nuair a sgaoil rèididheachd bho deuchainn dhan Chablachd Rìoghail.
Dè tha "Cablachd" a ciallachadh?

Re: BBC Naidheachdan

Posted: Wed Mar 12, 2014 9:49 am
by An Gobaire
An e "Cabhlach" a tha iad a' ciallachadh? "An Cabhlach Rìoghail" The Royal Navy

Re: BBC Naidheachdan

Posted: Wed Mar 12, 2014 4:50 pm
by poor_mouse
'S dòcha gur e, mòran taing!

Re: BBC Naidheachdan

Posted: Thu Mar 13, 2014 12:46 am
by Seonaidh
Uill tha seo inntinneach - cola-deug bho 15 làithean, ach "seachdain" a' ciallachadh 7 làithean. Oir sa Chuimris tha "pythefnos" ann do "cola-deug", a tha a' ciallachadh 15 oidhchean, ach tha "wythnos" ann do "seachdain", a tha a' ciallachadh "ochd oidhchean". Agus cò às am facal Beurla, "week"?

Re: BBC Naidheachdan

Posted: Thu Mar 13, 2014 8:28 am
by poor_mouse
cola-dueg >> "fortnight" sa Bheurla, seo "fourteen nights", ach chan eil fhios 'am dad mu dheidhinn "week".

Re: BBC Naidheachdan

Posted: Thu Mar 13, 2014 10:51 pm
by Níall Beag

Re: BBC Naidheachdan

Posted: Fri Mar 14, 2014 5:38 am
by poor_mouse
Seadh, tapadh leat!

Mar sin, chan ann "latha" no "oidhche" ann.

Re: BBC Naidheachdan

Posted: Sun Mar 16, 2014 2:33 pm
by GunChleoc
'S e 15 làithean a th' ann sa Phortagailis cuideachd :)

Re: BBC Naidheachdan

Posted: Sun Mar 16, 2014 5:52 pm
by poor_mouse
Glè mhath!