An toil leat ceòl, bàrdachd no ealain sam bith eile? Am faca tu rudeigin inntinneach air an TBh? Innse dhuinn air / Do you like music, poetry or any other art form? Did you see anything interesting on the telly? Tell us about it
Tha cruth 'blog' aice - bidh artaigilean ùra de gach seòrsa a' nochdadh fad na h-ùine. Tha iad a' sìreadh phìosan le luchd-cleachdaidh cuideachd.
Chan eil fiosrachadh mun neach/luchd-deasachaidh air an làrach-lìn, ach tha coltas ann gu bheil i co-cheangailte ris an MLitt ann am Foillseachadh aig Oilthigh Shruighlea, leis an tabhartas bho Chomhairle nan Leabhraichean.
Leugh mi beagan artaigilean agus 's glè thoil leam i. Tha mi ag ionnsachadh Breatnais 's beagan Ogsatanais cuideachd agus bha mi glè thoilichte gu sgrìobh Steaphan ('s e An Gobaire a tha air an-seo, nach e?) artaigil mu cànan roinneil na Frainge.