Page 1 of 1

Duighleadasan a bhith faighinn BBC RnG air am fòn agam

Posted: Thu Apr 17, 2014 6:17 am
by Tearlach61
Tha mi air a bhith ag èisteachd ri Radio nan Gaidheal air an iphone agam bhon chionn corra bliadhnaichean. Ach bho rudeigin mar mìos air ais, chan eil mi air a bhith a'faighinn RnG idir an am fòn agam. An toiseach 's e an app Tunein a stad o bhith a'faighinn RnG ach bha mi comasach co-dhiù ri èisteachd air safari. Ach tha seo air stad a-nis cuideachd.

A bheil duine sam bith eile a'faicinn an dearbh rud? Dè as coireach airson sin?

Re: Duighleadasan a bhith faighinn BBC RnG air am fòn agam

Posted: Thu May 01, 2014 8:12 am
by GunChleoc
Chan eil sgot agam o nach cleachd mi a leithid fòn. 'S dòcha gum b' fhiach ceist a chur a-null dhan Bheeb?