Page 1 of 1

Mi Fhìnn

Posted: Tue Jul 15, 2014 10:52 am
by robbiekerr
'S mise Robbie Kerr. Tha mi a' fuireach ann am flat beag ann an Lunnain. Aig 67, 's e bodach no 'auld crabbitt' a th'annam. Tha mi air criòchnachadh cùrsa inntrigidh aig Sabhal Mòr Ostaig, agus tòisich

mi cùrsa adhartais Lùnastal. Seadh, 's e oileanach a th' annam aig 67 - tha mi a' lorg sex, drugs agus rock 'n roll. Càit' a bheil iad?

Re: Mi Fhìnn

Posted: Wed Jul 16, 2014 9:52 pm
by faoileag
Fàilte, a Raibeirt! Tha sinn toilichte gu do lorg thu sinn! :D
Nach math a rinn thu an cùrsa sin - tha Gàidhlig gu leor agad a-nis. A bheil thu airson Cùrsa Adhartais a dhèanamh a-nis?

Tha sinn an dòchas gun sgrìobh thu rudeigin air a' bhòrd bho àm gu àm. Tha raointean dà-chànanach agus Gàidhlig (no measgaichte) againn.

Siuthad! :P

Re: Mi Fhìnn

Posted: Fri Jul 18, 2014 9:19 am
by Seonaidh
Robaidh - tha thu fada ro òg airson sex, drugs 's rock 'n roll. Furich gus an ruig thu an aois cheart. Agus fàilte!

Re: Mi Fhìnn

Posted: Sat Jul 26, 2014 11:39 am
by GunChleoc
Càite a bheil iad? 's ann air an Eilean Sgitheanach a gheibh thu a leithid rud :D

Rinn mi fhìn an Cùrsa Adhartais 's chòrd e rium glan.