Page 1 of 1

Haidh!

Posted: Wed Apr 02, 2008 3:31 pm
by Sìle
Haidh, is mise Sìle, tha mi à Glaschu ann an Alba agus tha mi air a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig airson trì bliadhna a-nis. Tha mi aig Oilthigh Glaschu an-dràsta agus bidh mi a' dol do SMO an ath-bhliadhna.

Tha mi air a bhith a 'lurking' airson beagan laithean agus bha mi a' smaoineachadh gum bu choir dhomh feauchainn ri sgrìobhadh! :D

Hi, I'm Shelagh, I'm from Glasgow and I've been learning Gàidhlig for 3 years. I'm at Glasgow Uni just now and I'm going to SMO next year (hopefully)!
I've been lurking for a few days and I thought I should try to write something!

Posted: Wed Apr 02, 2008 6:46 pm
by GunChleoc
Halò is fàilte ort! :D

Posted: Wed Apr 02, 2008 10:02 pm
by *Alasdair*
Hàlo, a Shìle. Ciamar a tha sibh an diugh?

Posted: Wed Apr 02, 2008 11:01 pm
by neoni
halò
dè bhios tu a' dèanamh aig SMO ma thig thu? tha mi fhìn a' dèanamh an cùrsa comais am-bliadhna, torr spòrs.

Posted: Wed Apr 02, 2008 11:17 pm
by *Alasdair*
neoni wrote:halò
dè bhios tu a' dèanamh aig SMO ma thig thu? tha mi fhìn a' dèanamh an cùrsa comais am-bliadhna, torr spòrs.
A bheil sibh? Bith mi a' dèanamh an cùrsa comais ann t-Sultain am-bliadhna! :D Còig mìosan!

Posted: Thu Apr 03, 2008 7:25 pm
by Neas Olc
Fàilte dhan fòram a Shile!

Posted: Thu Apr 03, 2008 9:36 pm
by Sìle
Moran taing, chan eil mi cinnteach fhathast dè bhios mi a' dèanamh, tha mi an dòchas gun dean mi 'Gàidhlig agus conaltradh', ach feumaidh mi agallamh a dhèanamh an tòiseach! :?

A bheil sibh air cursaichean ghoirid a dhèanamh aig SM a-riamh?

Posted: Fri Apr 04, 2008 4:28 pm
by neoni
tha, mhollainn iad mura h-eil thu fhèin air an dèanamh - chan eil fhios agam a bheil thu ro mhath air an son tà

Posted: Sun Apr 06, 2008 10:56 am
by Coinneach Cìr
Madainn mhath a Shìle agus fàilte!! Rinn mise Gàidhlig is conaltradh aig Sabhal Mòr Ostaig bho chionn trì bliadhna agus chòrd e rium glan. Nuair a bhios agallamh agaibh thèid innse dhuibh dè an cùrsa a bhios freagarrach dhuibh. Na bi dragh oirbh mu dheidhinn, tha iad gu math laghach agus eòlach.
Dè an cùrsa a tha thu dèanamh ann an Glaschu an-dràsta? :)

Posted: Mon Apr 07, 2008 11:15 am
by Sìle
Tha mi a' faireachdainn nas fhèarr a-nis a Choinneach! Tha mi a' deanamh eachdraidh agus Gàidhlig ann an oilthigh a-nis. :D

Posted: Thu Apr 10, 2008 2:39 pm
by Coinneach Cìr
Sìle wrote:Tha mi a' faireachdainn nas fhèarr a-nis a Choinneach! Tha mi a' deanamh eachdraidh agus Gàidhlig ann an oilthigh a-nis. :D
Math fhèin!! 8-)

"a Choinnich"

Posted: Fri Apr 11, 2008 1:52 pm
by Níall Beag
*Alasdair* wrote:A bheil sibh? Bith mi a' dèanamh an cùrsa comais ann t-Sultain am-bliadhna! :D Còig mìosan!
Dà rud.

"A bheil?" (You don't need a pronoun here.)

"Bidh mi a' ..." (new style)
or
"Bithidh mi a' ..." (old style)

"bith" is the verbal noun:
"Tha mi air a bhith..." etc.