Saor-laithean ann an Leòdhas
Posted: Tue Aug 26, 2014 2:45 pm
Faodaidh sibh creidsinn – agus tha mi an dòchas gun creid sibh – gu bheil mi math air Gàidhlig. Ach chan eil mi cho math air a bruidhinn is a tha mi air a sgrìobhadh agus, thar a h-uile nì eile, bu mhath leam a bhith móran nas fheàrr na tha mi air daoine eile a thuigsinn fhad ’s a bhios iad a’ bruidhinn riumsa. Tha cleachdadh a dhìth orm. A thuilleadh air sin, tha bàna-charaid agam a tha air a bhith a’ cur ìmpidh orm saor-laithean a ghabhail còmhla rithe. Mu dheireadh thall, chuir mi romham an fhéill a chumadh air an latha agus saor-laithean a ghabhail ann an Leòdhas, far am bi sinn - tha mi an dòchas, có-dhiùbh - am measg daoine a bhios a’ bruidhinn Gàidhlig fad an latha.
Is ann bho’n 7mh latha gus an ceud latha deug de’n Damhair a bhios sinn ann an Steòrnabhagh.
O chionns nach robh mi anns na h-eileanan an iar roimhe a riamh, chan eil mi cinnteach dé tha a’ feitheamh rium. Tha mi glé aineòlach mu dheidhinn nan eilean an iar. Faodaidh sibhse a tha a’ fuireach anns na h-eileanan, no sibhse a bha an sin uaireigin, cuideachadh mór a thoirt dhomh!
Ruigidh sinn Steòrnabhagh aig ochd uairean ’sa mhadainn. Càit am bu chòir dhomh dol airson cothrom fhaighinn air Gàidhlig a bhruidhinn? Do thaigh-òsda air choreigin, ’s dòcha? Tha amharus agam gum bi, fiù ’s anns na h-eileanan an iar, móran daoine aig nach eil Gàidhlig; bu mhath leam an seachnadh, ma ghabhas sin a dhèanamh idir. An ann gu bheil taighean-òsda ann an Steòrnabhagh far is Gàidhlig a bruidhinnear agus taighean-òsda eile far is Beurla a bruidhinnear? No an e measgachadh de chanain a bruidhinnear anns a h-uile taigh-òsda?
Bhiodh e nas fheàrr, ge tà, nan soirbicheadh leam Gàidhlig a bhruidhinn gun airgead a chosg air deòch làidir, oir tha e ro dhaor an latha an diugh agus, a thuilleadh air sin, cha chreid mi gu bheil e math dhomh aig an aois agam. Ach òlaidh mi deòch làidir mas e sin a tha a dhìth orm. Có aige tha fios, có dhiùbh, nach bi mi a’ bruidhinn nas fhileanta agus an deòch orm?
Ma bhios mi airson rudeigin a cheannach, am bu chòir dhomh iarraidh ann an Gàidhlig no ann am Beurla?
Tha rud ann a tha mi ag iarraidh a sheachnadh thar a h-uile nì eile: is e sin gun cuir na Gàidheil rompa bruidhinn rium ann am Beurla, seach ann an Gàidhlig, o chionns nach eil mi cho fileanta ann an Gàidhlig is a tha iadsan. A bheil neach sam bith nur measg a bha a riamh ann an suidheachadh mar sin? Ma tha, ciamar a dheilig sibh ris?
Bheir mi buidheachas cridheil do a h-uile neach a leughas seo agus a dh’fheuchas ri mo cheistean a fhreagairt!