Page 1 of 1

Ball ùr agus cuspair ùr

Posted: Tue Aug 26, 2014 2:49 pm
by WilliamS
Dh’fhàs mi ’nam bhall aig an fhoram seo o chionn seachdain no dhà air ais. Tha fiughair orm gu bruidhinn ruibh uile. Thòisich mi cuspair ùr anns an roinn air a bheil “Còmhradh coitcheann”. Is e “Saor-laithean ann an Leòdhas” a tha air a’ chuspair. Nach bi sibh cho math is sealladh air na sgrìobh mi? Tapadh leibh!

Re: Ball ùr agus cuspair ùr

Posted: Sun Aug 31, 2014 12:04 am
by faoileag
Fàilte chridheil ort! :D
Tha mi 'n dòchas gun còrd e rut an seo.

Tha mòran dhinn air làithean saora fhathast, mar sin 's dòcha nach bi cus daoine a' ceartachadh mhearachdan no a' sgrìobhadh fhreagairtean an-dràsda. Bhiodh e na b' fheàrr co-dhiù pìosan goirid a sgrìobhadh ma bhios thu ag iarraidh ceartachaidh - mhothaich mi nach eil daoine cho deònach pìosan fada a cheartachadh - tha coltas 'obrach' acasan :priob: , agus chan eil ùine gu leòr aig a' mhòrchuid de na buill.

Ach cum ort! Tha sinn toilichte nuair a bhios mòran bhall a' sgrìobhadh! :D

Re: Ball ùr agus cuspair ùr

Posted: Sat Sep 06, 2014 11:45 am
by GunChleoc
Fàilte chridheil ort! :D

Re: Ball ùr agus cuspair ùr

Posted: Mon Sep 08, 2014 10:15 am
by WilliamS
Tapadh leat