Page 1 of 1
am fear a chunnaic Iain
Posted: Mon Nov 17, 2014 8:06 am
by poor_mouse
'S dòcha tha mi ro ghòrach, ach...
Thachair dhomh mì-thuigsinn air a dhèanamh a' leughadh rud mar "X a chunnaic Y", agus dh'èirich a' ceist seo agamsa.
Chunnaic am fear sin Iain an-dè >> Seo am fear a chunnaic Iain an-dè.
Chunnaic Iain am fear sin an-dè >> Seo am fear... ???
Re: am fear a chunnaic Iain
Posted: Mon Nov 17, 2014 11:06 pm
by faoileag
An aon rud. Tuigidh sinn bhon cho-theacsa e.
Nam biodh an suidheachadh tro mhì-shoilleir, chanadh tu air dòigh eile e, leithid "Am fear ud, chunnaic Iain an-dè e. / Siud am fear agus Iain air fhaicinn an-dè."
Sin seòrsa rudan a chuala mi fhìn - ach bhiodh e math cluinntinn dè bhios ar "eòlaichean" ag ràdh.

Re: am fear a chunnaic Iain
Posted: Tue Nov 18, 2014 7:48 am
by poor_mouse
Mòran taing! Chan eil mi cho gòrach 's a bha mi den bheacd, ma-tà.

Re: am fear a chunnaic Iain
Posted: Tue Nov 18, 2014 11:58 am
by GunChleoc
Tha coltas ciallach dhomh air na thuirt faoileag.
Re: am fear a chunnaic Iain
Posted: Wed Nov 19, 2014 9:17 am
by poor_mouse
Tha eagal orm nach tuig mi seo. Cha coltas ciallach? A bheil do bheachd eadar-dhealaichte?
Re: am fear a chunnaic Iain
Posted: Wed Nov 19, 2014 7:41 pm
by Níall Beag
GunChleoc wrote:Cha coltas ciallach dhomh air na thuirt faoileag.
Dé tha ceàrr air?
Re: am fear a chunnaic Iain
Posted: Wed Nov 19, 2014 10:01 pm
by faoileag
Tha mi 'n dòchas gu bheil 'Cha' na typo air 'tha'...
Air neo bhiodh " Chan eil" ann.
Re: am fear a chunnaic Iain
Posted: Thu Nov 20, 2014 10:42 am
by poor_mouse
Tha agus mise.

Re: am fear a chunnaic Iain
Posted: Thu Nov 20, 2014 11:19 am
by GunChleoc
'S e, 's e typo a th' ann a nì mi gu tric
Chuir mi gu ceart e.
Eadar 2 sgeul, taing dhan Ghàidhlig, cuiridh mi fuaimreagan a bharrachd ris gu tric nuair a bhios mi a' sgrìobhadh ann an cànan eile

Re: am fear a chunnaic Iain
Posted: Fri Nov 21, 2014 11:23 am
by poor_mouse

"mouise" amsaa...
Re: am fear a chunnaic Iain
Posted: Fri Nov 21, 2014 5:52 pm
by GunChleoc
Sin dìreach

Re: am fear a chunnaic Iain
Posted: Fri Nov 21, 2014 11:42 pm
by Seonaidh
poor_mouse wrote:
"mouise" amsaa...
An ann mar seo a chruthaicheadh an t-ainm "Louise"?

Re: am fear a chunnaic Iain
Posted: Tue Nov 25, 2014 11:56 am
by poor_mouse
'S dòcha gur ann (a bheil an fhreagairt seo ceart?); tha e glè choltach ris an fhacal Ghàidhlig.

Re: am fear a chunnaic Iain
Posted: Wed Dec 10, 2014 9:26 am
by GunChleoc
poor_mouse wrote:'S dòcha gur ann (a bheil an fhreagairt seo ceart?)
Tha
