Page 1 of 1

Halò à Eadailt

Posted: Mon Dec 01, 2014 3:08 pm
by Bianca
Halò a huile duine!
'S mise Bianca, tha mi sia air fichead bliadhna dh'aois agus tha mi à Eadailt. Tha mi sgrìobhadair agus eadar-theangair; is toil leam fantastachd litreachas agus neo-fhicsean.
Tha mi ag ionnsachadh Gàidhlig a chionn tha mi airson Gàidhlig eadar-theangaich. A bheil can agaibh leabhraichean furasta a tha leugh agam?
Tha mi toilichte ur coinneachadh :D !
Bianca

Re: Halò à Eadailt

Posted: Mon Dec 01, 2014 7:18 pm
by Mairead
Fàilte! :)

Re: Halò à Eadailt

Posted: Mon Dec 01, 2014 9:51 pm
by Màiri na Coille
Fàilte dhan Fhòram, a Bhianca!

Re: Halò à Eadailt

Posted: Tue Dec 02, 2014 7:44 am
by poor_mouse
Hallo dhut às an Ruis, a Bhianca!
Tha mi beagan nas sine na thusa (leth cheud 's a dhà de dh'aois, leis an fhìrinn innse :) ); agus chan eil mi nam eadar-theangadair phroifeiseanta, ach tha mi ag eadar-theangachadh na bàrdachd Bheurla agus Ghàidhlig gu Ruisis.

Seall an-siud; cheannaich mise an leabhar seo an-uiridh agus chan eil e dona nam bheachd.

An do leugh thu Litrichean do Luchd-Ionnsachaidh? Faodaidh tu na litrichean èisteachd agus a leughadh.

Re: Halò à Eadailt

Posted: Tue Dec 02, 2014 11:48 pm
by faoileag
Halò, Bianca.
Fàilte ort an seo! :D

Re: Halò à Eadailt

Posted: Thu Dec 04, 2014 5:01 pm
by Bianca
Tapad leibh a huile duine:D!

Tha an leabhar iomad leam thig ri càil! Tha mi eòlach air Tim Armstrong, sgrìobh e ficsean saidheansail. A bheil sibh an leabhar a' tuigsinn?
Agus tapad leibh air làrach-lìn :)

Re: Halò à Eadailt

Posted: Fri Dec 05, 2014 12:24 pm
by poor_mouse
'S e do bheatha!

Cha robh na sgeulachdan san leabhar sin glè fhurasta dhomh, ach thuig mi leis An Fhaclair Bheag iad. :)

Re: Halò à Eadailt

Posted: Fri Dec 05, 2014 10:45 pm
by Seonaidh
Haidh Fhionnghal! - Hello Fenella! Uill, chan eil mi cinnteach air "Bianca" sa Ghàidhlig ach 's dòcha gun dèan seo an gnothach.

Mhothaich mi nach eil duine sam bith air ceartachadh a dhèanamh air do Ghàidhlig. Am bu toil leat sin fhaicinn?
I noticed that nobody's corrected your Gaelic. Would you like to see that?

Re: Halò à Eadailt

Posted: Mon Dec 08, 2014 8:53 am
by Bianca
Haaahaha, saoilidh mi gun tha an t-eadar-theangachadh aca ceart. Tha “Bianca” a' ciallaich “craiceann geal.”

Tha, tapadh leibh! Eadar dà sgeul, chan eil mi a' tuigsinn an tràth caithte. A bheil e a' sèimhich gnìomhair?

Re: Halò à Eadailt

Posted: Wed Dec 10, 2014 9:25 am
by GunChleoc
Seadh, nì thu sèimheachadh air an tràth caithte agus sin agad e. Cuiridh tu "do" ris cuideachd an dèidh cha, gun, nach, am, ...

Seall an-seo: http://www.foramnagaidhlig.net/index.php?page=142

Ceartachadh no dhà:

Halò a h-uile duine!
'S mise Bianca, tha mi sia air fichead bliadhna a dh'aois agus tha mi às an Eadailt. 'S e sgrìobhadair agus eadar-theangair a th' annam; is toil leam litreachas fantastachd agus neo-fhicsean.
Tha mi ag ionnsachadh Gàidhlig a chionn 's gu bheil mi airson Gàidhlig eadar-theangachadh. A bheil sibh eòlach air leabhraichean furasta as urrainn dhomh leughadh?
Tha mi toilichte ur coinneachadh :D !
Bianca