Page 1 of 1

Gàidhlig na h-Èirinn

Posted: Tue Dec 09, 2014 8:36 pm
by Zwalla28
Tha fhios gu bheil Gàidhlig na h-Alba 's Gàidhlig na h-Èirinn ceangailte gu math teann, agus a-nis leis mar a tha mo chuid Ghàidhlig aig ìre caran nas àirde, agus 's urrainn dhomh Gàidhlig a thuigsinn 's a bhruidhinn gun chus feuchainn, smaointich mi gum bu chòir dhomh cur romham Gàidhlig na h-Èirinn ionnsachadh. Leis an fhìrinn innse, cha bhithinn cho tùrsach ma nach deigheadh agam air bruidhinn an Gàidhlig na h-Èirinn gu math, ach bu toigh leam a bhith a' tuigsinn òran agus litreachais sa' chànan. Leis a sin, faighnichidh mi dhuibh, gu h-àraid ma tha Gàidhlig na h-Èirinn agaibh, dè seòrse rudan a tha as eadar-dhealaichte eadar an dà chainnt, gus fios fhaighainn, far am bu chòir dhomh bhith ag obrachadh a' chuid as motha dhen àm.

Tapadh leibhse.

Re: Gàidhlig na h-Èirinn

Posted: Wed Dec 10, 2014 9:38 am
by GunChleoc
Tha am fuaimneachadh beagan eadar-dhealaichte agus cruthan nan gnìomhan gu h-àraidh. Cuideachd, tha an dà chuid séimhiú is urú aca.

'S dòcha gum bi an duilleag seo feumail dhut: http://www.daltai.com/grammar/

Làrach a' Bheeb gus ionnsachadh: http://www.bbc.co.uk/northernireland/ir ... /learners/

Agus faclairean:

http://www.focal.ie/Home.aspx
http://www.irishdictionary.ie/home
http://www.focloir.ie/

Thoir an aire gu bheil trì dhualchainntean aca. Bidh cainnt Èireann a Tuath nas fhasa dhut na an tè taobh a deas.

Re: Gàidhlig na h-Èirinn

Posted: Wed Dec 10, 2014 6:59 pm
by Zwalla28
Tapadh leat. A bheil seòrsa "Akerbeltz" aca ann an Gàidhlig na h-Èirinn, a mhinicheas am fuaimneachadh?

Re: Gàidhlig na h-Èirinn

Posted: Wed Dec 10, 2014 9:53 pm
by akerbeltz
Chan eil cus nach eil aig amas air luchd-cànanachais. Mas e neach-cànanachais a th' annad, tha Córas Fuaimeanna na Gaeilge (Ó Siadhail) ann. Do dhaoine eile, chan fhaca mise ach Lárchanúint don Ghaeilge (Ó Baoill). Tha an leabhair eile aig Ó Siadhail, Learning Irish, meadhanach math air fuaimneachadh cuideachd.