Tuigidh fear-leughaidh leth-fhacal

Càil sam bith eile / Anything else
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Tuigidh fear-leughaidh leth-fhacal

Unread post by An Gobaire »

Tha gu leòr de dheasbad a' dol an-dràsta mu chor na Gàidhlig mar nach eil cus a' nochdadh air an t-seanal "Ghàidhlig" BBC Alba na làithean sa.

Ach, a bheil duine dhen aon bharail riumsa, gur e ainm an t-seanail a tha ag innse dhuinn carson nach eil uiread de Ghàidhlig ann 's a tha mòran againn ag iarraidh?

Dèanamaid coimeas ri ainm an t-seanail radio Radio nan Gàidheal. Ach chan e BBC nan Gàidheal a th' air an t-seanal Tbh. Nam b' e, nach biodh fada a bharrachd Gàidhlig ga cluinntinn ann?


Dèan buil cheart de na fhuair thu!
Níall Beag
Rianaire
Posts: 1432
Joined: Sun Sep 23, 2007 6:58 pm
Language Level: Fluent (non-native)
Corrections: I'm fine either way
Location: Sruighlea, Alba
Contact:

Re: Tuigidh fear-leughaidh leth-fhacal

Unread post by Níall Beag »

'S ann bhon toiseach-tòiseachaidh a tha e mar sin. Fiù 's aig na chiad focus groups bhiodh iad a' bruidhinn air "reach", agus mar a dh'fheumadh iad a bhith tarraing luchd-coimhead gun Gàidhlig. Tha na fo-thiotalan "burnt in" air eagal nach biodh duine sam bith gan lorg fon putan dearg, agus luchd-coimhead air an call.

Chan e sianal nan Gaidheal a th' ann, no a bh' ann, no a bhios ann - 's e "sianal anns a' Ghàidhlig don duthaich a bh' ann, ach tha sin ag atharrachadh beag air bheag.
Post Reply