Page 1 of 1

Wordumz Gàidhlig

Posted: Thu Jan 08, 2015 3:29 pm
by akerbeltz
Seo geama fhaclan eile. Tha e gu math spòrsail ’s chan eil e doirbh ri thuigsinn. Tha litrichean a’ tuiteam a-nuas agus tha agad ri faclan a chruthachadh leotha (nuair a choileanas tu facal, briog air DEARBH ’s ma tha am facal air a dheagh-litreachadh, thèid na litrichean ud air falbh). Mus tuit cus dhiubh. Car mar mheasgachadh de Wordtris agus Scrabble.
Image

Tha e a’ cosg suim bheag ach bha obair ’na lùib, an dà chuid dhan fhear-dealbhaidh agus do mhuinntir an fhaclair agus chanainn-sa gum b’ fhiach e a phrìs - ’s e nas saoire na cofaidh! Ri fhaighinn air Android (o Google Play) aig an àm seo ach tha tionndadh iOS a’ tighinn a dh’aithghearr cuideachd.

Barrachd fiosrachaidh an-seo air iGàidhlig mar is àbhaist.

Re: Wordumz Gàidhlig

Posted: Thu Jan 22, 2015 10:04 am
by GunChleoc
Tapadh leat airson na naidheachd :)

Re: Wordumz Gàidhlig

Posted: Wed Jun 17, 2015 5:40 pm
by GunChleoc
Tha e air Facebook a-nis cuideachd:

https://www.facebook.com/wordumz