Page 1 of 1

Halò à Singeapòr!

Posted: Fri Feb 06, 2015 1:47 pm
by law.chiyan
Halò!
‘S mise Chi-Yan. (mar 'dè-an' ann an 'dèanamh') ‘S e Singeapòrach (Cantonaise) a th’ annam agus ‘s e Beurla a tha mo chiad chànan. Thòisich mi ag ionnsachadh Gàidhlig ann an 2012 le TYG, ach feumaidh mi ath-sgrùdadh a-rithist. ‘S e oileanach a th’ annam aig Oilthigh Nàiseanta na Singeapòre. Tha ùidh agam ann an litreachas (gu sònraichte a’ bhàrdachd aig Somhairle MacGill-Eain) agus ceòl traidiseanta na h-Alba (Tha mi nam’ pìobaire cuideachd!)

Tha mi an dòchas gun ionnsaich mi mòran (agus gu luath) bhuaibh! ^_^

Re: Halò à Singeapòr!

Posted: Sat Feb 07, 2015 9:21 am
by Mairead
Fàilte, a Chi-Yan! :) Cuin an do dh'ionnsaich thu a cluich na pìoba?

Re: Halò à Singeapòr!

Posted: Sat Feb 07, 2015 10:10 am
by law.chiyan
Halò, a Mhairead!

Thòisich mi gan cluich (no seinn?) ann an 2009, nuair a bha mi anns an àrd-sgoil fhathast!

Re: Halò à Singeapòr!

Posted: Sun Feb 08, 2015 11:04 pm
by faoileag
Fàilte bhuamsa cuideachd!
Nach inntinneach gu bheil Gàidhlig agad, is tu cho fada air falbh bho Alba no Canada! Tha mi toilichte gun do lorg thu sinn an-seo! :D
An do dh'ionnsaich thu Gàidhlig agus a' phìob leat fhèin, no an robh clasaichean cànain no ciùil ann?

Re: Halò à Singeapòr!

Posted: Mon Feb 09, 2015 3:21 am
by law.chiyan
Agus tha mi toilichte cuideachd gun do lorg mi am fòram seo airson mo chleachdaidh! ^_^

Dh'ionnsaich mi-fhìn Gàidhlig leis an leabhar Teach Yourself Gaelic ann an 2012, nuair a rinn mi mo sherbheis san arm, agus dh'ionnsaich mi na-pìoba ann an còmhlan-pìoba. (Tha beagan againn)

Tha mi ag iarraidh dèanamh An Cùrsa Inntrigidh (SMO) bho Earrann 2 cho luath 's a ghabhas, ach cha tòisich e ach san t-Sultain.

Re: Halò à Singeapòr!

Posted: Wed Feb 11, 2015 10:42 am
by GunChleoc
Fàilte chridheil ort! Nach eadar-nàiseanta sinn :)