Page 1 of 1

Sitig de latha

Posted: Thu Apr 09, 2015 5:22 pm
by An Gobaire
'S fhada on a chuir mi sìon anns an roinn seo a chruthaich GunChleoc dhomh.
Ach, bu toil leam cumail ris, ged nach tric a bhios mi cur ris..

Mar sin, seo abairt a th' air a cleachdadh ann an Uibhist / Beinn na Fadhla, agus dh'fhaoidte ann an àiteachan eile, airson droch shìde a mhìneachadh.

Nam b' e sitig de latha a bhiodh ann, cha robh an t-sìde, no an aimsir, ach grot. Sna h-eileanan, tha sin a' ciallachadh latha robach. Gaoth is uisge, mar as trice.

Bha sitig de latha ann.

...Cha robh an t-sìde ach grot.
...'S e latha robach a bh' ann.

'S e an t-sitig àite astar bhon taigh-chroite far an cuirear sgudal sam bith a bhios a' lobhadh leis fhèin. Canar "òtrach, òcrach" cuideachd ris an tòrr seo.

Ma bheir cuideigin an t-sitig air, tha e a' tarraing air falbh sa bhad, agus dh'fhaodadh droch sheagh a bhith fillte an lùib na h-abairt seo, mur can neach e le fiamh a' ghàire air.

Thoir an t-sitig ort! - ( Thalla!; Mach à seo! Thoir do chasan leat! Teich bhuam! Bi falbh! etc.)

Re: Sitig de latha

Posted: Thu Apr 09, 2015 9:23 pm
by faoileag
Tha mi toilichte gu bheil thu air ais air an t-snàthainn seo, mu dheireadh thall. :priob:
Bha sinn gad ionndrainn.

Abairt uabhasach feumail an turas seo cuideachd. (Ged nach e sitig de latha a th' ann idir an-diugh - dìreach a' cheart-aghaidh de sin. :grian: )

Re: Sitig de latha

Posted: Thu Apr 30, 2015 8:54 am
by GunChleoc
Agus chuir mi ris an làrach-lìn againn cuideachd e, mu dheireadh thall!

Mòran taing :)