"why"
Posted: Mon Jun 15, 2015 12:48 pm
Ciamar a chanainn "why" gu ceart, ann an suidheachaidhean coltach ri "that's why....". Chì mi "carson" mar a bhiodh freagarrach anns a' Bheurla, ach shaoil leam gur e beurlachas a bh' ann a sin. Chunnaic mi seantansan cuideachd anns an deach "adhbhar" a chleachdadh, ach chan eil cuimhn' agam a-nis air an dòigh ud, gu mionaideach. Beachdan? Tapadh leibh ro làimh!