Page 1 of 1

Genetive, article, genetive+article

Posted: Wed Jul 22, 2015 11:30 am
by poor_mouse
BBC wrote:Thug aonadh an RMT rabhadh gu faodadh luchd-obrach seirbheisean aiseig a' chost an iar tuilleadh iomairtean-obrach a chuir air chois.
"'aiseig" - ginideach, "a' chost" - leis an alt, agus "an iar" - ginideach leis an alt

A bheil seo ceart?
Chan eil mi cinnteach.

Re: Genetive, article, genetive+article

Posted: Thu Jul 23, 2015 4:28 am
by Níall Beag
poor_mouse wrote:
BBC wrote:Thug aonadh an RMT rabhadh gu faodadh luchd-obrach seirbheisean aiseig a' chost an iar tuilleadh iomairtean-obrach a chuir air chois.
"'aiseig" - ginideach, "a' chost" - leis an alt, agus "an iar" - ginideach leis an alt

A bheil seo ceart?
Chan eil mi cinnteach.
Tha. Smaoin sa chiad dol a-mach air "luchd-obrach" -- tha againn an seo am facal "obair" san tuiseal ginideach ged a tha rudeigin ás a dhéidh. Carson? Air sgàth agus nach bi an ath fhacal ceangailte ris an fhacail "obair" ach ris an abairt "luchd-obrach". Mar sin, tha "obrach" aig deireadh abairt ainmeireil, agus san tusail ginideach.

Seall a-nis air dà eiseamplair le "(" agus ")" a' comharrachadh nan abairtean:
((luchd-obrach) an aiseig)
(amas (obair an aiseig))

Nise, seo againn an abairt bhon alt san aon doigh:
((luchd-obrach) ((seirbheisean aiseig) a' chost))

Mar sin, tha tri ainmearan againn a tha aig deireadh abairt, agus a h-ile gin dhiubh sa ghinideach: obrach, aiseig, a' chost. (Tha "costa" na fhacal fhireannach, agus mar sin tha an alt " a' " an-seo a' nochdadh dhuinn gur ann san tuiseal ginideach 's a tha e.)

Re: Genetive, article, genetive+article

Posted: Thu Jul 23, 2015 4:34 am
by Níall Beag
Tha "an iar" beagan eadar-dhealaichte.

Chan eil mi cinnteach, ach cha chreid nach tuirt cuideigin an-seo gur ann ás "ann an iar" no "san iar" a thàinig e. Có dhiubh no có dheth, chan e ainmear a th' ann, agus mar sin chan eil buaidh aige air tuiseil na h-abairt.

Re: Genetive, article, genetive+article

Posted: Thu Jul 23, 2015 12:53 pm
by akerbeltz
Seadh, an iar/an ear < "in"

Re: Genetive, article, genetive+article

Posted: Fri Jul 24, 2015 7:10 am
by poor_mouse
Mòran taing, a charaidean!
Tha sin nas soilleire a-nis, gu h-àraid mu dheidhinn "an iar".

Re: Genetive, article, genetive+article

Posted: Fri Jul 24, 2015 6:53 pm
by Níall Beag
пожалста

Re: Genetive, article, genetive+article

Posted: Sat Aug 01, 2015 8:26 am
by poor_mouse
пожалуйста :D