Seo facal nach eil cho cumanta ga chluinntinn cho fad 's as aithne dhomh, ach theagamh nach eil croitear no bana-chroitear air choireigin ga chleachdadh fhathast air uairean aig an taigh.
Tha e coltach ge-tà, gur e seo abairt a bhiodh aca ann an taobh siar Rois roimhe agus e co-cheangailte ris an t-seòrsa bonnaich a bh' air a bhruich gu cabhagach: foileag
Nam biodh tu a' feuchainn ri bonnach a bhruich cho clis 's a b' urrainn dhut, gun cus sùim air cho coileanta 's a bha thu ga dhèanamh, bha thu ga fhoileadh. 'S e seo an t-ainmear-gnìomhach foil. a' foileadh bonnach - ga thòstadh no ga bhruich gu cabhagach
Is ann às an ainmear-gnìomhach seo a gheibhear an gnàth-fhacal "tha foileadh air (cuideigin)". 'S dòcha gu bheil thu air do chur troimh chèile leis na h-uibhir de rudan a th' agad ri dhèanamh, air neo, tha thu air do chur mun cuairt cho mòr le rudeigin eile. Ma bhios foileadh ort, bidh cus cabhaig ort 's tu a' dol an ceann do ghnothaich le caise. "
" (Faclair Gàidhlig Taobh Siar Rois)Cha robh thu a' dèanamh an rud ceart leis an fhoileadh a bh' ort.
Mar sin dheth, dh'fhaodadh cuideigin, caraid dh'fhaoidte, faighneachd dhiot, "Ge dè a' foileadh a th'ort?" ma bhios e no i a' faicinn nach eil thu cho socrach 's as àbhaist dhut. Air neo, mas e sin do nàdar, dh'fhaoidte gun dèanadh cuideigin eile luaidh air sin: Tha e làn foileadh (Is tric a tha e gu cabhagach, troimh chèile, no an udag air) .
Èirinn: líonrith; mearbhall ar; Beurla: flustered, impatient while doing something Fraingis: être troublé(e), pressé(e) Iapanais: まごまごする, 焦りながら、行った行動