Pròiseactan mar Google in Your Language, an Uicipeid, Firefox, Thunderbird, Opera, LibreOffice/OpenOffice, phpBB, Scrabble is dearbhadairean / Projects like Google in Your Language, Wikipedia, Firefox, Thunderbird, Opera, LibreOffice/OpenOffice, phpBB, Scrabble and spell checkers
Tha gleus ri làimh a-nis a leughas teacsaichean digiteach os àrd – ann an Gàidhlig. ’S e gleus teacsa ’na chainnt a chanar ris (Text To Speech no TTS gu goirid). Tha seo gu sònraichte feumail do dhaoine a tha dall (slighe leughadairean-sgrìn mar eisimpleir) no ach cuideachd do mhòran eile, can luchd-ionnsachaidh no ma tha leughadh na Gàidhlig doirbh air cuideigin air adhbhar air choireigin.
Leis gun d’fhuair am pròiseact seo leth-mhaoineachadh poblach (Riaghaltas na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle-maoineachaidh na h-Alba agus Ùghdarras Theisteanasan na h-Alba), tha an guth an-asgaidh: