Page 1 of 1

Cèist mu "leth"

Posted: Mon Jan 04, 2016 4:20 pm
by iolair
Madainn mhath,

Leugh me seo an lath roimhe: "leth dhan ùine".

Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e ciallachadh rudeigin mar "half (of) the time".

A bheil "dhan" ceart gu leòr as dèidh an fhacail "leth"? Carson nach do sgrìobh an t-ughdar "leth dhen ùine" (half of the time).

Mòran taing!

Re: Cèist mu "leth"

Posted: Tue Jan 05, 2016 2:36 pm
by GunChleoc
An doir thu an seantans slàn dhuinn? Chanainn-sa cuideachd gum bu chòir dha bhith "leth dhen ùine" ach is dòcha gun robh ciall eile fainear an ùghdair.

Re: Cèist mu "leth"

Posted: Tue Jan 05, 2016 7:53 pm
by iolair
Deagh smuain, ach gu mi-fhortanach chan eil mi ga lorg.
Sgrìobh mi notaichean dhomhsa nuair a bha mi a' leughadh a' colbh agus chan eil mi a' lorg an seantans an-dràsta.
Ach fhad 's a bha mi a' sireadh, chunnaic mi eisimpleir eile: "leth dhen ùine"! (le an dearbh sgrìobhadair).
'S dòcha gun robh "leth dhan ùine" air a sgrìobhadh gu ceàrr ("typo").
Neo dh'fhaodadh e a bhith mar "leth uair a thìde", le "a".

Re: Cèist mu "leth"

Posted: Thu Jan 07, 2016 4:38 pm
by GunChleoc
Faodaidh "a" a bhith an dà chuid "de" no "do".

Cha bhiodh an t-iongnadh orm nam b' e typo a bh' ann.