Page 1 of 1
Ge fada uam is mi gun fhradharc
Posted: Wed Feb 17, 2016 11:15 am
by poor_mouse
Seo ceist agam mu dheidhinn CUMHA CHOIRE AN EASA le Iain MacAoidh (An Piobaire Dall).
Thuirt am bàrd don Choire:
O'n tha thusa ag caoidh nan àrmunn
Leis am b'àbhaist bhith 'g ad thadhal,
Gu'n seinn mi ealaidh gun duais dhuit,
Ge fada uam is mi gun fhradharc.
Ann mo bheachd-sa, 's e a thuirt e:
As you are mourning about the warriors
Who used to visit you,
Let me (or simply: I will) sing you an ode without reward,
Though long from me being me without eyesight (or: seeing).
A bheil seo ceart?
Do the last words mean that he became blind long ago, or maybe there is another meaning?
Re: Ge fada uam is mi gun fhradharc
Posted: Thu Feb 18, 2016 10:31 am
by GunChleoc
Shaoilinn gur e "Ge fada uam" = although far away from me. Chan eil e faisg air a' choire.
Re: Ge fada uam is mi gun fhradharc
Posted: Thu Feb 18, 2016 1:04 pm
by poor_mouse
Agus "is mi gun fhradharc" - and (i.e. so as) I do not see (you)?
Tha sin caran neònach co-dhiù.
Nam bheachd, bha e air tighinn oirre, agus thòisich e bruidhinn rithe; agus às dèidh sin, thuirt e gu robh i fada bhuaithe.
A bheil e a' dol a sheinn san t-àm ri teachd?
No 's dòcha nach do thig e oirre.
Thuirt e nas tràithe: "Is mi ag iarraidh gu Coire an Easa", agus às dèidh sin thòisich e bruidhinn rithe agus thòisich a' Choire bruidhinn ris.
Mar sin, shaoil mi gun do tig e mu thràth oirre...
Dè do bheachd, a Ghuncleoc?
Re: Ge fada uam is mi gun fhradharc
Posted: Thu Feb 18, 2016 3:24 pm
by GunChleoc
poor_mouse wrote:Agus "is mi gun fhradharc" - and (i.e. so as) I do not see (you)?
And me without vision / because /while I can't see.
Seall air seo:
http://akerbeltz.org/index.php?title=Ch ... f_the_agus
poor_mouse wrote:Tha sin caran neònach co-dhiù.
Nam bheachd, bha e air tighinn oirre, agus thòisich e bruidhinn rithe; agus às dèidh sin, thuirt e gu robh i fada bhuaithe.
A bheil e a' dol a sheinn san t-àm ri teachd?
No 's dòcha nach do thig e oirre.
Thuirt e nas tràithe: "Is mi ag iarraidh gu Coire an Easa", agus às dèidh sin thòisich e bruidhinn rithe agus thòisich a' Choire bruidhinn ris.
Mar sin, shaoil mi gun do tig e mu thràth oirre...
Dè do bheachd, a Ghuncleoc?
Tha rudeigin fada uaithe ach chan eil mi cinnteach dè. 'S dòcha gur e na làithean a dh'fhalbh air a bheil e a-mach.
Re: Ge fada uam is mi gun fhradharc
Posted: Thu Feb 18, 2016 7:06 pm
by poor_mouse
Mòran taing, a Ghunchleoc!
Tha, tha mi den bheachd gu bheil e a' bruidhinn ris a' Choire bho fhada agus tha e a' dol thuice fhathast.
Ach tha mi 'n dòchas gum bi a h-uile rud na soilleire nuair a bhios mi nas fhaisge ris a' cheann don chumha seo.