Dè th’ ann an Enigmail?
’S e tuilleadan tèarainteachd a gheibh thu am broinn Mozilla Thunderbird no Seamonkey a th’ ann an Enigmail. Leigidh e leat OpenPGP a chleachdadh gus na puist-d a chrioptachadh ’s a shoidhneadh gu digiteach agus na teachdaireachdan a gheibh thu a dhearbhadh.
Carson a bu chòir dhomh puist-d a chrioptachadh?
Am biodh tu deònach na litrichean digiteach agad a chur mar chairtean-puist? Chan eil sinn an dùil gum biodh.
Nuair a chuireas tu post-d gun chrioptachadh, tha e mar a chuireadh tu cairt-phuist – ’s urrainn do dhuine agus siostam sam bith a làimhsicheas na puist-d agad an t-susbaint a tha nam broinn a leughadh. Ma chrioptaicheas tu am post-d agad, cuiridh tu an teachdaireachd ann an ceiseag nach urrainn ach dhan fhaightear aice fhosgladh.
Càite am faigh mi e?
Seo am bathar-bog a chleachdas tu air a shon:
- Mozilla Thunderbird
- Enigmail
- Gpg4win (Windows) no The GNU Privacy Guard (Linux) no GPG Suite (Mac)
Tha an stàladh beagan fada ach chan eil e toinnte. Bidh e cho furasta 's a ghabhas an uairsin Enigmail a chleachdadh.