Enigmail - Cum na puist-d agad dìomhair saor ’s an-asgaidh

Pròiseactan mar Google in Your Language, an Uicipeid, Firefox, Thunderbird, Opera, LibreOffice/OpenOffice, phpBB, Scrabble is dearbhadairean / Projects like Google in Your Language, Wikipedia, Firefox, Thunderbird, Opera, LibreOffice/OpenOffice, phpBB, Scrabble and spell checkers
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Enigmail - Cum na puist-d agad dìomhair saor ’s an-asgaidh

Unread post by GunChleoc »

Enigmail - Cum na puist-d agad dìomhair saor ’s an-asgaidh

Image

Dè th’ ann an Enigmail?

’S e tuilleadan tèarainteachd a gheibh thu am broinn Mozilla Thunderbird no Seamonkey a th’ ann an Enigmail. Leigidh e leat OpenPGP a chleachdadh gus na puist-d a chrioptachadh ’s a shoidhneadh gu digiteach agus na teachdaireachdan a gheibh thu a dhearbhadh.

Image

Carson a bu chòir dhomh puist-d a chrioptachadh?

Am biodh tu deònach na litrichean digiteach agad a chur mar chairtean-puist? Chan eil sinn an dùil gum biodh.

Nuair a chuireas tu post-d gun chrioptachadh, tha e mar a chuireadh tu cairt-phuist – ’s urrainn do dhuine agus siostam sam bith a làimhsicheas na puist-d agad an t-susbaint a tha nam broinn a leughadh. Ma chrioptaicheas tu am post-d agad, cuiridh tu an teachdaireachd ann an ceiseag nach urrainn ach dhan fhaightear aice fhosgladh.

Image

Càite am faigh mi e?

Seo am bathar-bog a chleachdas tu air a shon:
Ciamar a chuireas mi gu dol e?

Tha an stàladh beagan fada ach chan eil e toinnte. Bidh e cho furasta 's a ghabhas an uairsin Enigmail a chleachdadh.



Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Enigmail - Cum na puist-d agad dìomhair saor ’s an-asgai

Unread post by GunChleoc »

Stàladh

Tha an stiùireadh seo airson Thunderbird air Windows agus an dùil gu bheil thu a’ cleachdadh Mozilla Thunderbird mar-thà gus na puist-d agad a leughadh. Mur eil, gheibh thu e air https://www.mozilla.org/gd/thunderbird/.

1. Stàlaich inneal crioptachaidh

An toiseach, feumaidh tu inneal crioptachaidh fhaighinn.
Cha leig thu leas ach leantainn ris an stiùireadh rè an stàlaidh. Fàg a h-uile rud mar a tha e.

Image

2. Stàlaich Enigmail

Cuiridh sinn plugan ri Thunderbird a-nis a làimhsicheas an crioptachadh dhuinn. ’S e Enigmail an t-ainm a th’ air.

Rach dha na tuilleadain:

Image

Lorg “enigmail” agus stàlaich e:

Image

Feumaidh tu Thunderbird ath-thòiseachadh an uairsin:

Image
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Enigmail - Cum na puist-d agad dìomhair saor ’s an-asgai

Unread post by GunChleoc »

3. Rèitich Enigmail

Nuair a thòisicheas Thunderbird, cuiridh an draoidh rèiteachaidh aig Enigmail fàilte ort. A-rithist, fàg a h-uile rud mar a tha e:

Image Image

Thèid abairt-fhaire iarraidh ort a-nis. Mar as toinnte ’s ann as fhearr, ach feumaidh e bhith furasta taidhpeadh cuideachd. Thèid an abairt-fhaire seo iarraidh ort gu tric an uairsin nuair a leughas tu post-d a chaidh a chrioptachadh. Sgrìobh sìos air pàipear i agus cum i am badeigin sàbhailte.

Image

Iarraidh Enigmail ort an uairsin gun cruthaich thu teisteanas cùl-ghairm. Tha seo ann air eagal ’s gun dig an latha a dhìochuimhnicheas tu an abairt-fhaire agad.

Image
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Enigmail - Cum na puist-d agad dìomhair saor ’s an-asgai

Unread post by GunChleoc »

4. Dèan lethbhreac-glèidhidh dhe na h-iuchraichean agad

Seo sinn ullamh a-nis ach mholainn gun cuir thu lethbhreac dhe na h-iuchraichean agad air USB stick - ’s urrainn dhut seo a dhèanamh uaireigin eile ma thogras tu. Nì thu seo ann an “Stiùireadh nan iuchraichean.”

Image Image

Dèan briogadh deas air an iuchair agad:

Image

Tha dà phàirt san iuchair agad: iuchair phoblach is iuchair phrìobhaideach. Cleachdaidh tu an iuchair phrìobhaideach agad gus puist-d a chaidh a chur thugad a leughadh. Na doir do dhuine sam bith eile i!

Tha Enigmail air a rèiteachadh a-nis. Tòisicheamaid air a chonaltradh mar-thà.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Enigmail - Cum na puist-d agad dìomhair saor ’s an-asgai

Unread post by GunChleoc »

5. Tòisich air a' chonaltradh phrìobhaideach

Nise, seo Aghaidh Choimheach a’ sgrìobhadh post-d gu Fòram na Gàidhlig. Thoir an aire gu bheil Aghaidh Choimheach a’ cur a h-iuchrach poblaich ris an teachdaireachd.

Image

Cha deach an teachdaireachd seo a chrioptachadh fhathast, oir chan eil fhios aig Aghaidh Choimheach a bheil comas crioptachaidh aig Fòram na Gàidhlig gus nach eil.

Nise, seo Fòram na Gàidhlig a’ leughadh na teachdaireachd o Aghaidh Choimheach. Nì e briogadh deas air a’ cheanglachan gus an iuchair aig Aghaidh Choimheach a chur ri Enigmail:

Image

Cha leig e leas an iuchair aig Aghaidh Choimheach a chur ris a-rithist an uairsin.

Tha Fòram na Gàidhlig a’ freagairt dha dh’Aghaidh Choimheach an uairsin, a’ dèanamh cinnteach gun doir e an iuchair phoblach aige dhi cuideachd. Abair thusa gun dèid an teachdaireachd seo a chrioptachadh mar-thà!

Image

Seo as adhbhar gu bheil Enigmail ag iarraidh an abairt-fhaire air Aghaidh Choimheach a-nis:

Image

Mu dheireadh thall, cha leig Aghaidh Choimheach a leas ach an iuchair phoblach aig Fòram na Gàidhlig a chur ri Enigmail ach an sgrìobh i post-d le crioptachadh dhasan cuideachd:

Image

Sin agad e agus cha leugh am bràthair mòr no cracker an ath-dhorais na puist-d agad tuilleadh!
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Post Reply